Agus bha sliabh Shinài uile fo dheataich, do bhrìgh gun tàinig an Tighearna a‑nuas air ann an teine, agus dh’èirich a dheatach suas mar dheataich àmhainn, agus chriothnaich an sliabh uile gu mòr.
Agus dh’fhoillsicheadh aingeal an Tighearna dha ann an lasair theine à meadhon pris; agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha am preas a’ lasadh le teine, ach cha robh am preas air a losgadh.
Agus chunnaic mi mar dhreach òmair, mar choslas teine gach taobh a‑staigh ann: o thaisbeanadh a leasraidh, agus os a chionn, agus o thaisbeanadh a leasraidh agus foidhe, chunnaic mi mar gum biodh ann coslas teine, agus e dealrach mun cuairt.
Mar choslas a’ bhogha a tha anns an neul ann an là na froise, b’amhail dreach an dealraidh mun cuairt. B’e seo foillseachadh samhladh glòir an Tighearna; agus nuair a chunnaic mise, thuit mi air m’aghaidh, agus chuala mi guth aoin a’ labhairt.
Cò as urrainn seasamh ro a fheirg-san? Agus cò a dh’fhaodas fuireach ann an dian-theas a chorraich? Tha a chorraich air a dòrtadh a‑mach mar theine, agus tha na creagan air an tilgeadh sìos leis.
A nèamh thug e ort a ghuth a chluinntinn, a‑chum gun teagaisgeadh e thu; agus air talamh nochd e dhut a theine mòr, agus chuala tu a bhriathran à meadhon an teine.
Uime sin tuig thusa an‑diugh, gur e an Tighearna do Dhia an tì a thèid thairis romhad na theine caithteach: cuiridh esan as dhaibh, agus cuiridh e sìos iad ad fhianais: mar sin fògraidh tu a‑mach iad, agus sgriosaidh tu iad gu grad, mar a thubhairt an Tighearna riut.