Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 24:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chòmhnaich glòir an Tighearna air sliabh Shinài, agus chòmhdaich an neul e sia làithean: agus dh’èigh e ri Maois air an t‑seachdamh là à meadhon an neòil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Ann am baideal neòil labhair e riu; ghlèidh iad a theisteis agus an reachd a thug e dhaibh.

Agus nuair a labhair Aaron ri coitheanal chloinn Israeil uile, dh’amhairc iad a dh’ionnsaigh an fhàsaich, agus, feuch, dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna ann an neul.

Agus bidh iad deas air cheann an treas là; oir air an treas là thig an Tighearna a‑nuas ann an sealladh an t‑sluaigh uile air sliabh Shinài.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, thig mise ad ionnsaigh ann an neul tiugh, a‑chum gun cluinn an sluagh nuair a labhras mi riut, agus mar an ceudna gun creid iad thu gu sìorraidh. Agus dh’innis Maois briathran an t‑sluaigh don Tighearna.

Ach air an t‑seachdamh là tha sàbaid an Tighearna do Dhia: air an là sin na dèan obair sam bith, thu fhèin, no do mhac, no do nighean, d’òglach, no do bhanoglach, no d’ainmhidh, no do choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan:

Agus bha foillseachadh glòir an Tighearna mar theine dian-loisgeach air mullach an t‑slèibh, ann an sùilean chloinn Israeil.

Agus cruthaichidh an Tighearna air gach àite-tàimh de shliabh Shioin, agus air a coitheanalan, neul anns an là, agus deatach, agus dealradh teine lasraich anns an oidhche; oir thar a’ ghlòir uile bidh còmhdach.

Mar choslas a’ bhogha a tha anns an neul ann an là na froise, b’amhail dreach an dealraidh mun cuairt. B’e seo foillseachadh samhladh glòir an Tighearna; agus nuair a chunnaic mise, thuit mi air m’aghaidh, agus chuala mi guth aoin a’ labhairt.

Agus chaidh Maois agus Aaron a‑steach do phàillean a’ choitheanail, agus thàinig iad a‑mach, agus bheannaich iad an sluagh: agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna don t‑sluagh uile.

Agus thubhairt Maois, Is e seo an nì a dh’àithn an Tighearna gun dèanadh sibh; agus foillsichear glòir an Tighearna dhuibh.

Ach dh’iarr an co‑chruinneachadh uile an clachadh le clachan. Agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna ann am pàillean a’ choitheanail, an làthair chloinn Israeil uile.

Agus thàrladh, nuair a chruinnicheadh an co‑chruinneachadh an aghaidh Mhaois agus an aghaidh Aaroin, gun do sheall iad air pàillean a’ choitheanail: agus dh’fhoillsicheadh glòir an Tighearna.

Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.

Bha mi anns an Spiorad air là an Tighearna, agus chuala mi air mo chùlaibh guth mòr, mar ghuth trompaid,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan