Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 24:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Thig a‑nìos am ionnsaigh-sa don t‑sliabh, agus bi an sin: agus bheir mise dhut clàir chloiche, agus lagh, agus na h‑àitheantan a sgrìobh mi, a‑chum iadsan a theagasg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e, Falbh a‑mach, agus seas air an t‑sliabh an làthair an Tighearna. Agus, feuch, ghabh an Tighearna seachad, agus reub gaoth mhòr agus làidir na beanntan, agus bhris i na creagan nam bloighdean ron Tighearna, ach cha robh an Tighearna anns a’ ghaoith; agus an dèidh na gaoithe crith-thalmhainn, ach cha robh an Tighearna anns a’ chrith-thalmhainn;

Oir dh’ullaich Esra a chridhe a dh’iarraidh lagh an Tighearna, agus ga dhèanamh, agus a theagasg ann an Israel reachdan agus bhreitheanas.

Agus thàinig thu a‑nuas air sliabh Shinài, agus labhair thu riu o nèamh, agus thug thu dhaibh breitheanais chearta, agus laghannan fìrinn, reachdan agus àitheantan matha.

Agus do shàbaid naomh dh’fhoillsich thu dhaibh; agus àitheantan, agus reachdan, agus lagh, dh’àithn thu dhaibh le làimh Mhaois d’òglach:

Cò a thuigeas a sheachrain? O lochdan diamhair glan thusa mi.

Agus chaidh Maois suas a dh’ionnsaigh Dhè, agus ghairm an Tighearna air as an t‑sliabh, ag ràdh, Mar seo their thu ri taigh Iàcoib, agus innsidh tu do chloinn Israeil:

Agus chaidh Maois suas don t‑sliabh, agus chòmhdaich neul an sliabh.

Agus chaidh Maois a‑steach ann am meadhon an neòil, agus chaidh e suas don t‑sliabh: agus bha Maois anns an t‑sliabh dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche.

Agus thig Maois na aonar am fagas don Tighearna; ach cha tig iadsan am fagas, cha mhò a thèid an sluagh suas maille ris.

Agus thug e do Mhaois, nuair a sguir e de labhairt ris air sliabh Shinài, dà chlàr na Fianais, clàir chloiche, sgrìobhte le meur Dhè.

Agus nuair a chunnaic an sluagh gun do rinn Maois moille ann an teachd a‑nuas as an t‑sliabh, chruinnich iad iad fhèin gu Aaron, agus thubhairt iad ris, Eirich suas, dèan dhuinne diathan a thèid romhainn; oir a‑thaobh a’ Mhaois seo, an duine a thug a‑nìos sinn à tìr na h‑Eiphit, chan eil fhios againn ciod a thàinig air.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Snaidh dhut fhèin dà chlàr chloiche cosmhail ris na ciad chlàir; agus sgrìobhaidh mise air na clàir sin na facail a bha air na ciad chlàir a bhris thu.

Ach seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil: An dèidh nan làithean sin, deir an Tighearna, cuiridh mi mo reachd nan taobh a‑staigh, agus sgrìobhaidh mi air an cridheachan e, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia, agus bidh iadsan dhòmhsa nam poball.

Air an adhbhar sin ge bè neach a bhriseas aon de na h‑àitheantan seo as lugha, agus a theagaisgeas daoine mar sin, goirear an duine as lugha dheth ann an rìoghachd nèimh: ach ge bè neach a nì, agus a theagaisgeas iad, goirear duine mòr dheth ann an rìoghachd nèimh.

Air dha a bhith follaiseach gur sibh litir Chrìosd, a fhrithealadh leinne, a tha air a sgrìobhadh chan ann le dubh, ach le Spiorad an Dè bheò; chan ann air clàir cloiche, ach air clàir feòil a’ chridhe.

Ach ma bha ministrealachd a’ bhàis ann an sgrìobhadh air a ghearradh air clachan, glòrmhor, ionnas nach b’urrainn clann Israeil amharc gu geur air gnùis Mhaois, airson glòir a ghnùise, a chuireadh air cùl;

Agus dh’àithn an Tighearna dhòmhsa anns an àm sin reachdan agus breitheanais a theagasg dhuibh, a‑chum gun dèanadh sibh iad anns an fhearann a thèid sibh a‑null ga shealbhachadh.

Na briathran sin labhair an Tighearna ri ur coitheanal uile anns an t‑sliabh, à meadhon an teine, an neòil agus an dubh-dhorchadais, le guth mòr; agus cha do chuir e tuilleadh ris: agus sgrìobh e iad air dà chlàr chloiche, agus thug e dhòmhsa iad.

Ach dod thaobh-sa, seas an seo làimh riumsa, agus labhraidh mi riut na h‑àitheantan uile, agus na reachdan, agus na breitheanais, a theagaisgeas tu dhaibh, a‑chum is gun dèan iad iad anns an fhearann a tha mise a’ tabhairt dhaibh ra shealbhachadh.

Anns an robh an tùiseir òir, agus àirc a’ choicheangail air a còmhdachadh mun cuairt le òr, anns an robh a’ phoit òir anns an robh am mana, agus slat Aaroin a bha fo bhlàth, agus clàir a’ choicheangail;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan