Agus ghoir i ainm an Tighearna a labhair rithe, Thusa Dhè a tha gam fhaicinn; oir thubhairt i, An e gu robh agamsa ann an seo mar an ceudna sùil ris an Tì sin a tha gam fhaicinn?
An sin thug Iàcob suas ìobairtean anns an t‑sliabh, agus ghairm e air a bhràithrean a dh’ithe arain: agus dh’ith iad aran, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche anns an t‑sliabh.
Agus sgrìobh i litrichean ann an ainm Ahaib, agus sheulaich i iad le a sheula; agus chuir i na litrichean a dh’ionnsaigh nan seanair, agus a dh’ionnsaigh nan uaislean a bha a chòmhnaidh maille ri Nàbot na bhaile.
Agus ghabh e na ceannardan-cheud, agus na h‑àrd-uaislean, agus uachdarain an t‑sluaigh, agus uile shluagh na tìre, agus thug iad a‑nuas an rìgh o thaigh an Tighearna; agus thàinig iad tron gheata àrd a‑steach do thaigh an rìgh, agus chuir iad an rìgh na shuidhe air rìgh-chathair na rìoghachd.
Agus cha robh fhios aig an luchd-riaghlaidh càit an deachaidh mi, no ciod a rinn mi, agus cha d’innis mi e do na h‑Iùdhaich, no do na sagartan, no do na h‑àrd-uaislean, no don luchd-riaghlaidh, no don chuid eile a rinn an obair.
Agus ghabh Ietro, athair-cèile Mhaois, tabhartas-loisgte agus ìobairtean do Dhia: agus thàinig Aaron, agus uile sheanairean Israeil, a dh’ithe arain maille ri athair-cèile Mhaois an làthair Dhè.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Imich sìos, thoir àithne don t‑sluagh, air eagal gum bris iad a‑steach a dh’ionnsaigh an Tighearna a dh’amharc, agus gun tuit mòran dhiubh.
Agus thubhairt e ri Maois, Thig a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, thu fhèin agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì-fichead is a deich de sheanairean Israeil: agus nì sibh adhradh fada o làimh.
Chuir na h‑uaislean fòs an clann bheag a dh’iarraidh uisge: thàinig iad gus na sluic, agus cha d’fhuair iad uisge sam bith; thill iad len soithichean falamh; bha nàire agus masladh orra, chòmhdaich iad an cinn.
Oir cionnas a dh’fhaodas òglach an tì seo mo thighearna labhairt ris an tì seo mo thighearna? Oir air mo shon-sa, air ball cha d’fhan neart air bith annam, cha mhò a dh’fhàgadh anail annam.
Beul ri beul labhraidh mi ris-san, eadhon gu soilleir, agus chan ann am briathran dorcha, agus chì e coslas an Tighearna: carson matà nach robh eagal oirbh labhairt an aghaidh mo sheirbhisich Maois?
Chladhaich na h‑uachdarain an tobar, chladhaich uaislean an t‑sluaigh e, le seòladh fear-tabhairt an lagha, len lorgan. Agus on fhàsach chaidh iad gu Matana;
Agus ithidh sibh an sin an làthair an Tighearna ur Dia, agus nì sibh gàirdeachas anns gach nì ris an cuir sibh ur làmh, sibh fhèin agus ur teaghlaichean, anns an do bheannaich an Tighearna do Dhia thu.
An sin thug e airsan a mhaireas tighearnas a bhith aige air na h‑uaislean am measg an t‑sluaigh: thug an Tighearna ormsa tighearnas a bhith agam os cionn nan cumhachdach.