Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 24:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chunnaic iad Dia Israeil: agus fo a chasan bha mar gum biodh obair de chloich shaphir, agus mar na nèamhan fhèin ann an soillse.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Agus thug Iàcob Peniel mar ainm air an àite: oir chunnaic mi Dia aghaidh ri aghaidh, agus thèarnadh m’anam.

Agus dh’èirich a’ ghrian air, nuair a chaidh e seach Penuel, agus bha e bacach air a shliasaid.

Agus thubhairt esan, Uime sin èisd thusa ri facal an Tighearna: Chunnaic mise an Tighearna na shuidhe air a rìgh-chathair, agus uile shlòigh nan nèamh nan seasamh làimh ris, air a làimh dheis agus air a làimh chlì.

Agus a‑nis, a Thighearna Dhè Israeil, daingnichear d’fhacal a labhair thu rid òglach Daibhidh.

Agus air maithean chloinn Israeil cha do chuir e a làmh: agus chunnaic iad Dia, agus dh’ith iad agus dh’òl iad.

Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia d’athar, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. Agus dh’fhalaich Maois a aghaidh; oir bha eagal air amharc air Dia.

Agus thubhairt e, Chan fhaod thu m’aghaidh-sa fhaicinn; oir chan urrainn duine air bith mise fhaicinn, agus a bhith beò.

Agus bheir mi air falbh mo làmh, agus chì thu mo chùlaibh: ach chan fhaicear m’aghaidh.

Tha a làmhan mar fhàinnean òir suidhichte le berilean; a chom mar fhiacail elephaint lìomhte, air a cur thairis le saphirean.

Cò ise a chìthear mar a’ mhadainn, sgiamhach mar a’ ghealach, glan mar a’ ghrian, uamhasach mar shluagh lem brataichean?

Bha a Nàsaraich na bu ghloine na sneachd; bu ghile iad na bainne; bu deirge iad anns a’ chorp na ruiteachain; bha an dreach mar shaphir.

Agus thàrladh, anns an deicheamh-bliadhna-fichead, anns a’ cheathramh mìos, air a’ chòigeamh là den mhìos, air dhòmhsa a bhith am measg nam braighdean aig abhainn Chebair, gun d’fhosgladh na nèamhan, agus chunnaic mi taisbeanaidhean Dhè.

An sin dh’amhairc mi, agus feuch, anns an speur a bha thar cinn nan ceruban, thaisbeanadh os an cionn mar gum biodh ann clach shaphir, mar thaisbeanadh coslas rìgh-chathrach.

Oir cionnas a dh’fhaodas òglach an tì seo mo thighearna labhairt ris an tì seo mo thighearna? Oir air mo shon-sa, air ball cha d’fhan neart air bith annam, cha mhò a dh’fhàgadh anail annam.

Beul ri beul labhraidh mi ris-san, eadhon gu soilleir, agus chan ann am briathran dorcha, agus chì e coslas an Tighearna: carson matà nach robh eagal oirbh labhairt an aghaidh mo sheirbhisich Maois?

Agus dh’atharraicheadh a chruth nan làthair; agus dhealraich a aghaidh mar a’ ghrian, agus rinneadh a aodach geal mar an solas.

Chan fhaca neach air bith Dia riamh; an t‑aon-ghin Mic, a tha ann an uchd an Athar, is esan a dh’fhoillsich e.

Thubhairt Iosa ris, A bheil mise ùine cho fada maille ribh, agus nach aithne dhut fhathast mi, Philip? An tì a chunnaic mise, chunnaic e an t‑Athair: agus cionnas a tha thu ag ràdh, Foillsich an t‑Athair dhuinn?

Chan e gum faca neach sam bith an t‑Athair, ach an tì a tha o Dhia; chunnaic esan an t‑Athair.

Neach na aonar aig a bheil neo-bhàsmhorachd, a tha na chòmhnaidh anns an t‑solas a dh’ionnsaigh nach faodar teachd; neach nach faca duine sam bith, agus nach mò a dh’fhaodas e fhaicinn: dhàsan gu robh urram agus cumhachd sìorraidh. Amen.

Chan fhaca neach air bith Dia riamh. Ma ghràdhaicheas sinn a chèile, tha Dia na chòmhnaidh annainn, agus tha a ghràdh air a choileanadh annainn.

Agus bha aige na làimh dheis seachd reultan; agus claidheamh geur dà fhaobhair a’ teachd a‑mach as a bheul: agus bha a ghnùis mar a’ ghrian a’ dealrachadh na làn neart.

Aig an robh glòir Dhè: agus bha a shoillse cosmhail ri cloich ro‑luachmhoir, mar chloich iaspeir, soilleir mar chriostal;

Agus bha an Tì a shuidh, ri amharc air, cosmhail ri cloich iasper, agus shardis: agus bha bogha-frois timcheall na rìgh-chathrach mun cuairt, cosmhail, ri fhaicinn, ri emerald.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan