Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 24:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e ri Maois, Thig a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, thu fhèin agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì-fichead is a deich de sheanairean Israeil: agus nì sibh adhradh fada o làimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus mic Amraim: Aaron, agus Maois, agus Miriam. Agus mic Aaroin: Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar.

Agus na h‑anaman uile a thàinig a‑mach à leasraidh Iàcoib, bu deich agus trì-fichead anam iad; oir bha Iòseph anns an Eiphit cheana.

Agus thàinig an Tighearna a‑nuas air sliabh Shinài, air mullach an t‑slèibh: agus ghairm an Tighearna Maois suas gu mullach an t‑slèibh, agus chaidh Maois suas.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Imich romhad, falbh sìos, agus thig a‑nìos thu fhèin, agus Aaron maille riut; ach na briseadh na sagartan agus an sluagh a‑steach, gu teachd a‑nìos a dh’ionnsaigh an Tighearna, air eagal gum bris e a‑mach orra.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, thig mise ad ionnsaigh ann an neul tiugh, a‑chum gun cluinn an sluagh nuair a labhras mi riut, agus mar an ceudna gun creid iad thu gu sìorraidh. Agus dh’innis Maois briathran an t‑sluaigh don Tighearna.

Agus sheas an sluagh fada o làimh, agus thàinig Maois am fagas don dorchadas, far an robh Dia.

Agus chaidh Maois suas don t‑sliabh, agus chòmhdaich neul an sliabh.

Agus thig Maois na aonar am fagas don Tighearna; ach cha tig iadsan am fagas, cha mhò a thèid an sluagh suas maille ris.

Agus chaidh Maois suas agus Aaron, Nàdab agus Abihu, agus trì-fichead is a deich de sheanairean Israeil.

Agus gabh ad ionnsaigh Aaron do bhràthair, agus a mhic maille ris, o mheasg chloinn Israeil, a‑chum gum fritheil e dhòmhsa ann an dreuchd an t‑sagairt, eadhon Aaron, Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar, mic Aaroin.

Agus thubhairt e, Na tig am fagas an seo; cuir dhìot do bhrògan bhàrr do chas, oir an t‑àit air a bheil thu ad sheasamh, is talamh naomh e.

Agus bi deas anns a’ mhadainn, agus thig a‑nìos anns a’ mhadainn do shliabh Shinài, agus nochd thu fhèin an sin dhòmhsa air mullach an t‑slèibh.

Agus ghabh Aaron Elisèba nighean Aminadaib, piuthar Naasoin, dha fhèin na mnaoi; agus rug i dha Nàdab agus Abihu, Eleàsar agus Itàmar.

Agus sheas nan làthair deich agus trì-fichead fear de sheanairean taigh Israeil, agus nam meadhon sheas Iaasaniah mac Shapain, gach fear le a thùiseir na làimh, agus neul tiugh tùise a’ dol suas.

Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Cruinnich dhòmhsa deich agus trì-fichead fear de sheanairean Israeil, muinntir as aithne dhut a bhith nan seanairean an t‑sluaigh, agus nan luchd-riaghlaidh os an cionn; agus thoir iad gu pàillean a’ choitheanail, a‑chum is gun seas iad an sin maille riut.

An dèidh nan nithean sin, dh’òrdaich an Tighearna mar an ceudna deichnear agus trì-fichead eile, agus chuir e a lìon dithis agus dithis ro a ghnùis iad, do gach baile, agus àit, gus an robh e fhèin gu teachd.

Agus thill an deichnear agus an trì-fichead le gàirdeachas, ag ràdh, a Thighearna, tha na deamhain fhèin fo smachd againne tro d’ainm-sa.

Agus ghabh mi cinn ur treubhan, daoine glice agus aithnichte, agus rinn mi iad nan ceannardan oirbh, nan uachdarain mhìltean, agus nan uachdarain cheudan, agus nan uachdarain lethcheudan, agus nan uachdarain dheichnear, agus nan luchd-riaghlaidh am measg ur treubhan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan