Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tìodhlac cha ghabh thu; oir dallaidh tìodhlac na daoine glice, agus claonaidh e briathran nan daoine ionraic.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Nach cuir a airgead a‑mach air ocar, agus nach gabh duais an aghaidh an neochiontaich. Esan a nì na nithean sin, cha ghluaisear gu bràth e.

Aig a bheil lochd nan làmhan, agus an làmh dheas làn de dhuais-bhratha.

Bheir esan buaireas air a thaigh fhèin a tha sanntach air buannachd, ach bidh esan lem fuathach duais-bhratha, beò.

Bheir droch dhuine tìodhlac as a uchd, a chlaonadh slighean a’ bhreitheanais.

Is clach uasal tìodhlac ann an sùilean an tì aig am bi e; ge bè taobh gus an tionndaidh e, soirbhichidh leis.

Nì saoibhreas mòran chàirdean; ach sgarar am bochd o a charaid.

Gu cinnteach cuiridh fòirneart duine glic air bhoile, agus millidh tìodhlac an cridhe.

Na tugaibh tabhartas dìomhain uaibh nas mò: tha tùis na gràinealachd dhomh; a’ ghealach ùr, agus an t‑sàbaid, gairm a’ cho-chruinneachaidh, chan fhaodar leam fhulang; is euceart eadhon an co‑ghairm naomh.

Tha d’uachdarain ceannairceach, agus nan companaich mhèirleach; tha gach aon dhiubh an geall air tìodhlac, agus a’ leantainn dhuaisean; ris an dìlleachdan chan eil iad a’ cumail cothroim, agus cìs na bantraich chan eil a’ teachd nan làthair.

Esan a ghluaiseas gu h‑ionraic, agus a labhras gu ceart; a ghabhas gràin de bhuannachd na h‑ainneirt, a chrathas a làmh o bhith a’ glacadh duais na h‑eucoir; a dhruideas a chluas o èisdeachd ri sgeul fala, agus a dhùineas a shùilean o amharc air olc;

Is truagh dhaibhsan a tha làidir a dh’òl fìona, agus nan daoine neartmhor a mheasgadh dibhe làidir:

A tha a’ saoradh a’ chiontaich airson duaise; agus a’ toirt ionracais an fhìrein air falbh uaithe.

Annadsa ghabh iad duais gu fuil a dhòrtadh: ghabh thu ocar agus riadh, agus bhuannaich thu gu sanntach od choimhearsnaich le ana-cothrom, agus dhìochuimhnich thu mise, deir an Tighearna Dia.

Tha an deoch searbh: rinn a h‑uachdarain strìopachas gun chlos: ghràdhaich iad nì nàireach:

Oir is aithne dhòmhsa ur lochdan lìonmhor, agus ur peacaidhean mòra; sibhse a tha a’ claoidh an fhìrein, a tha a’ gabhail duaise, agus a’ cur a’ bhochd a lethtaobh anns a’ gheata.

A‑chum gun dèan iad olc le uile dhìcheall an làmh; tha am prionnsa agus am breitheamh ag iarraidh duaise: agus tha an duine mòr a’ foillseachadh a dhroch thograidh: mar sin tha iad ga phasgadh suas.

Oir an Tighearna ur Dia, is esan Dia nan dia, agus Tighearna nan tighearnan, Dia mòr, cumhachdach, agus uamhasach, aig nach eil bàidh ri neach seach a chèile, agus nach gabh duais.

Cha dèan thu breitheanas fhiaradh: cha bhi bàidh agad ri neach seach a chèile, cha mhò a ghabhas tu tìodhlac: oir dallaidh an tìodhlac sùilean nan daoine glice, agus fiaraidh e briathran nan ionracan.

Feuch, tha mi an seo; thugaibh fianais am aghaidh an làthair an Tighearna, agus an làthair a Aoin ungte: cò esan on tug mi a dhamh? Agus cò esan on tug mi a asal? Agus cò esan air an do rinn mi foill? Cò esan o a làimh an do ghabh mi duais, a‑chum mo shùilean a dhalladh leatha? Agus aisigidh mi dhuibh.

Agus cha do ghluais a mhic na shlighean-san, ach chlaon iad an dèidh buannachd, agus ghabh iad duais, agus dh’fhiar iad breitheanas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan