Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

O chùis bhrèige cùm thu fhèin am fad, agus an neochiontach agus an t‑ionraic na marbh: oir chan fhìreanaich mise an t‑aingidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

24 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig Abrahàm am fagas, agus thubhairt e, An sgrios thusa mar an ceudna an t‑ionracan maille ris an aingidh?

Ma thilleas tu a dh’ionnsaigh an Uile-chumhachdaich, togar suas thu; cuiridh tu euceart am fad od phàilleanan.

Cuir uam slighe nam breug, agus gu gràsmhor deònaich dhomh do lagh.

Cruinnichidh iad le chèile an aghaidh anam an fhìrein, agus dìtidh iad fuil neochiontach.

Na tabhair fianais bhrèige an aghaidh do choimhearsnaich.

Cha tog thu tuairisgeul brèige: na cuir do làmh maille ris an aingidh gu bhith ad fhianais air an eucoir.

A’ gleidheadh tròcair do mhìltean, a’ maitheadh aingidheachd agus easaontais agus peacaidh, agus nach saor air aon dòigh an ciontach; a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, agus air cloinn na cloinne, air an treas agus air a’ cheathramh ginealach.

Ged iadhadh làmh mu làimh, cha bhi an droch dhuine gun pheanas; ach saorar sliochd nam fìrean.

Tha an tì a shaoras an t‑aingidh, agus an tì a dhìteas am fìrean, araon nan gràinealachd don Tighearna.

Esan a ghluaiseas gu h‑ionraic, agus a labhras gu ceart; a ghabhas gràin de bhuannachd na h‑ainneirt, a chrathas a làmh o bhith a’ glacadh duais na h‑eucoir; a dhruideas a chluas o èisdeachd ri sgeul fala, agus a dhùineas a shùilean o amharc air olc;

Is truagh dhaibhsan a their math ri olc, agus olc ri math; a tha a’ cur dorchadais an àite solais, agus solais an àite dorchadais; a tha a’ cur an t‑seirbh an àit a’ mhilis, agus a’ mhilis an àit an t‑seirbh.

Cha ghoid sibh, cha mhò a nì sibh breug, no a mheallas aon agaibh a chèile.

Cha tèid thu mun cuairt mar fhear-tuaileis am measg do shluaigh; cha mhò a sheasas tu an aghaidh fuil do choimhearsnaich: Is mise an Tighearna.

Tha an Tighearna mall a‑chum feirge, agus mòr ann an cumhachd, agus cha saor an Tighearna air chor air bith an t‑aingidh. Anns a’ chuairt-ghaoith agus anns an doininn tha a shlighe, agus is iad na neòil luaithre a chas.

Agus dh’fhiosraich na saighdearan mar an ceudna dheth, ag ràdh, Agus ciod a nì sinne? Agus thubhairt e riu, Na dèanaibh fòirneart air neach sam bith, no casaid-bhrèige, agus bithibh toilichte le ur tuarasdal.

Oir tha fearg Dhè air a foillseachadh o nèamh an aghaidh gach uile mhì-dhiadhachd, agus eucoir dhaoine, a tha a’ bacadh na fìrinn ann an neo-fhìreantachd:

Uime sin, air dhuibh a’ bhreug a chur uaibh, labhraibh an fhìrinn, gach neach ra choimhearsnach: oir is buill sinn de a chèile.

Ma bhios connsachadh eadar daoine, agus gun tig iad gu breitheanas, a‑chum is gun toir na britheamhan breith orra; an sin saoraidh iad an t‑ionracan, agus dìtidh iad an ciontach.

Mallaichte gu robh esan a ghabhas duais airson duine neo-chiontach a mharbhadh: agus their an sluagh uile, Amen.

Seachnaibh gach uile choslas uilc.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan