Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha chlaon thu breith do bhochd na chùis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

A‑nis, matà, biodh eagal an Tighearna oirbh: thugaibh an aire agus bithibh a’ dèanamh; oir maille ris an Tighearna ar Dia chan eil euceart, no bàidh ri neach seach a chèile, no gabhail duaise.

Ma rinn mi tàir air cùis m’òglaich, no mo bhanoglaich, nuair a thagair iad rium;

Chan eil e math gabhail ri gnùis an droch dhuine, a‑chum am fìrean a thilgeadh bun-os‑cionn ann am breitheanas.

Na creach am bochd a chionn gu bheil e bochd, agus na sàraich an truaghan anns a’ gheata:

Air eagal gun òl iad, agus gun dìochuimhnich iad an lagh, agus gun claon iad breitheanas do aon sam bith de chloinn an àmhghair.

Ma chì thu fòirneart an duine bhochd, agus fiaradh breitheanais agus ceartais le làimh làidir ann am mòr-roinn, na biodh ioghnadh ort ris an nì seo: oir bheir an tì as àirde na an neach a tha àrd acasan an aire, agus tha iad ann as àirde na iadsan.

A tha a’ saoradh a’ chiontaich airson duaise; agus a’ toirt ionracais an fhìrein air falbh uaithe.

Tha iad air fàs reamhar, tha iad dealrach: seadh, thug iad bàrr air gnìomharan nan aingidh: chan eil iad a’ toirt breith air a’ chùis, cùis an dìlleachdain, gidheadh tha iad a’ soirbheachadh; agus còir an uireasbhaich chan eil iad a’ seasamh.

Tha iad uile nan daoine a thug barrachd ann an ceannairc, a’ gluasad gu cealgach: is umha agus iarann iad; an t‑iomlan dhiubh nan innealan truaillidheachd.

Mura sàraich sibh an coigreach, an dìlleachdan agus a’ bhantrach; agus mura dòirt sibh fuil neochiontach anns an àite seo, agus mura tèid sibh air lorg dhiathan eile, a‑chum ur dòrainn fhèin:

Cha dèan sibh eucoir sam bith ann am breitheanas; cha bhi suim agad do ghnùis an duine bhochd, cha mhò a bheir thu urram do ghnùis an duine chumhachdaich; ann an ceartas bheir thu breith air do choimhearsnach.

Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

Cha dèan thu breitheanas fhiaradh: cha bhi bàidh agad ri neach seach a chèile, cha mhò a ghabhas tu tìodhlac: oir dallaidh an tìodhlac sùilean nan daoine glice, agus fiaraidh e briathran nan ionracan.

Mallaichte gu robh esan a chlaonas breitheanas a’ choigrich, an dìlleachdain, agus na bantraich: agus their an sluagh uile, Amen.

Agus cha do ghluais a mhic na shlighean-san, ach chlaon iad an dèidh buannachd, agus ghabh iad duais, agus dh’fhiar iad breitheanas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan