Ma chì thu asal duine aig a bheil fuath dhut a’ laighe fo a h‑eallaich, agus gun smaoinich thu air fantainn o chòmhnadh a dhèanamh rithe, nì thu gu cinnteach còmhnadh rithe.
Nuair a chì thu damh do bhràthar no a chaora a’ dol air seachran, chan fhalaich thu thu fhèin uapa; bheir thu air gach aon chor air an ais iad a‑rìs a dh’ionnsaigh do bhràthar.
Nuair a chì thu asal do bhràthar, no a dhamh, a’ tuiteam sìos air an t‑slighe, chan fhalaich thu thu fhèin uapa: gu cinnteach togaidh tu suas iad maille ris a‑rìs.