Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha dèan thu riùsan, no rin diathan, coicheangal sam bith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Ach cho-mheasg iad iad fhèin am measg nan cinneach, agus dh’fhòghlaim iad an obraichean;

Agus a‑thaobh nan uile nithean a labhair mi ribh, bithibh faiceallach; agus air ainm dhiathan eile na luaidhibh: na cluinnear as ur beul e.

Cha chrom thu thu fhèin sìos dan diathan, agus cha dèan thu seirbhis dhaibh, cha mhò a nì thu a rèir an obrach, ach sgriosaidh tu gu tur iad, agus brisidh tu an dealbhan nam bloighdean.

Thoir an aire dhut fhèin, air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre da bheil thu a’ dol, air eagal gum bi e na ribe ad mheadhon:

Air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre, agus gun tèid iad le strìopachas an dèidh an diathan, agus gun toir iad ìobairt don diathan, agus gun toir neach cuireadh dhut, agus gun ith thu de a ìobairt;

Agus ciod an rèite a tha aig Crìosd ri Belial? No ciod i cuid a’ chreidmhich, maille ri ana-creidmheach?

A‑chum nach teagaisg iad dhut a dhèanamh a rèir an uile ghràinealachd, a rinn iad dan diathan; mar sin pheacaicheadh sibh an aghaidh an Tighearna ur Dia.

Agus bheir an Tighearna thairis iad ro ur gnùis, a‑chum gun dèan sibh riu a rèir gach àithne a dh’àithn mise dhuibh.

Nuair a bheir an Tighearna do Dhia thu a‑steach don fhearann a‑chum a bheil thu a’ dol ga shealbhachadh, agus a thilgeas e a‑mach romhad mòran chinneach, na Hitich, agus na Girgasaich, agus na h‑Amoraich, agus na Canàanaich, agus na Peridsich, agus na Hibhich, agus na h‑Iebusaich, seachd cinnich as mò agus as cumhachdaiche na thusa;

Agus sgriosaidh tu an sluagh sin uile a bheir an Tighearna do Dhia thairis dhut; cha ghabh do shùil truas riu: cha mhò a nì thu seirbhis dan diathan, oir bidh sin na ribe dhut.

Agus nuair a bheir an Tighearna do Dhia iad thairis ad làthair, buailidh tu iad, agus cuiridh tu gu tur as dhaibh; cha dèan thu coicheangal sam bith riu, cha mhò a nochdas tu tròcair dhaibh:

Agus bhuail Iosua tìr nam beann uile, agus na h‑àird a deas, agus a’ chòmhnaird, agus nan tobar, agus an rìghrean uile: cha d’fhàg e aon air bith beò, ach lèirsgrios e gach neach anns an robh anail, mar a dh’àithn an Tighearna Dia Israeil.

Agus thubhairt fir Israeil ris na Hibhich, Theagamh gu bheil sibh a chòmhnaidh nar measg, agus cionnas a dh’fhaodas sinne coicheangal a dhèanamh ribh?

Agus cha dèan sibh coicheangal sam bith ri luchd-àiteachaidh na tìre seo; tilgidh sibh sìos an altairean: ach cha tug sibh gèill dom ghuth: carson a rinn sibh seo?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan