Ecsodus 23:31Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus suidhichidh mi do chrìochan on mhuir ruaidh eadhon gu ruig fairge nam Philisteach, agus on fhàsach gu ruig an abhainn: oir bheir mi thairis nur làimh luchd-àiteachaidh na tìre; agus tilgidh tu a‑mach iad as do làthair. Faic an caibideil |
Tillibh agus gabhaibh ur turas, agus rachaibh a‑chum sliabh nan Amorach, agus a‑chum nan ionadan uile am fagas dha anns a’ chòmhnard, anns a’ mhonadh, agus anns an t‑srath, agus mu dheas, agus ri taobh na fairge, gu fearann nan Canàanach, agus gu Lebanon, a dh’ionnsaigh na h‑aibhne mòire, abhainn Euphràtes.
Agus, feuch, tha mise an‑diugh a’ dol air slighe na talmhainn uile, agus tha fhios agaibh fhèin nur n‑uile chridhe, agus nur n‑uile anam, nach d’fhàilnich aon nì de na nithean matha sin uile a labhair an Tighearna ur Dia dur taobh; thàinig iad gu lèir gu crìch dhuibhse, cha d’fhàilnich aon nì dhiubh.