Agus cuiridh an Tighearna do Dhia a‑mach na cinnich sin romhad a lìon beagan is beagan: chan fhaod thu an sgrios a dh’aon bheum, air eagal gum fàs fiadh-bheathaichean na machrach lìonmhor ort.
Uile luchd-àiteachaidh nam beann o Lebanon gu Misrephot-maim, agus na Sìdonaich uile, iadsan fògraidh mi a‑mach ro chloinn Israeil; a‑mhàin roinn e le crannchur do na h‑Israelich mar oighreachd, mar a dh’àithn mise dhut.
Faicibh, roinn mi dhuibh le crannchur na cinnich sin a mhaireas, gu bhith nan oighreachd dur treubhan, o Iòrdan, maille ris na cinnich uile a gheàrr mi as, eadhon gus an fhairge mhòir air an taobh an iar.
Agus an Tighearna ur Dia, fuadaichidh esan iad as ur fianais, agus iomainidh e iad a‑mach as ur sealladh; agus sealbhaichidh sibh am fearann aca, mar a gheall an Tighearna ur Dia dhuibh.
Oir dh’fhuadaich an Tighearna a‑mach as ur fianais cinnich mhòra agus threuna: ach dur taobh-se, cha b’urrainn duine sam bith seasamh romhaibh gus an là‑an‑diugh.