Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ri duine bochd cha bhi thu bàidheil na chùis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Cha chlaon thu breith do bhochd na chùis.

Chan eil e math gabhail ri gnùis an droch dhuine, a‑chum am fìrean a thilgeadh bun-os‑cionn ann am breitheanas.

Na creach am bochd a chionn gu bheil e bochd, agus na sàraich an truaghan anns a’ gheata:

Is truagh dhaibhsan a tha ag òrdachadh reachdan eucorach, na sgrìobhaichean a tha ag àithneadh fòirneirt;

Cha dèan sibh eucoir sam bith ann am breitheanas; cha bhi suim agad do ghnùis an duine bhochd, cha mhò a bheir thu urram do ghnùis an duine chumhachdaich; ann an ceartas bheir thu breith air do choimhearsnach.

Oir is aithne dhòmhsa ur lochdan lìonmhor, agus ur peacaidhean mòra; sibhse a tha a’ claoidh an fhìrein, a tha a’ gabhail duaise, agus a’ cur a’ bhochd a lethtaobh anns a’ gheata.

Cha bhi suim agaibh do neach seach a chèile ann am breitheanas; ris a’ bheag èisdidh sibh cho math is ris a’ mhòr; cha bhi athadh oirbh ro ghnùis dhuine, oir is le Dia a’ bhreith: agus a’ chùis a bhios ro‑chruaidh oirbh, bheir sibh am ionnsaigh-sa, agus èisdidh mise rithe.

Cha dèan thu breitheanas fhiaradh: cha bhi bàidh agad ri neach seach a chèile, cha mhò a ghabhas tu tìodhlac: oir dallaidh an tìodhlac sùilean nan daoine glice, agus fiaraidh e briathran nan ionracan.

Ach tha an gliocas a tha on àirde air tùs glan, an dèidh sin sìochail, ciùin, agus so‑chomhairleachaidh, làn de thròcair agus de dheagh thoradh, gun leth-bhreith agus gun cheilg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan