Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha tilg mi a‑mach iad as do làthair ann an aon bhliadhna, air eagal gum bi am fearann air fhàsachadh, agus gum fàs fiadh-bheathaichean na machrach lìonmhor ad aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

A lìon beag is beag tilgidh mi a‑mach iad as do làthair, gus an sìolaich thu agus an sealbhaich thu am fearann.

Oir tilgidh mi a‑mach na cinnich romhad agus nì mi do chrìochan nas fharsainge; agus cha mhiannaich duine sam bith d’fhearann, nuair a thèid thu suas gud nochdadh fhèin ann am fianais an Tighearna do Dhia, trì uairean anns a’ bhliadhna.

Agus cuiridh an Tighearna do Dhia a‑mach na cinnich sin romhad a lìon beagan is beagan: chan fhaod thu an sgrios a dh’aon bheum, air eagal gum fàs fiadh-bheathaichean na machrach lìonmhor ort.

A‑thaobh nan Iebusach, luchd-àiteachaidh Ierusaleim, cha b’urrainn clann Iùdah am fògradh a‑mach: ach tha na h‑Iebusaich nan còmhnaidh maille ri cloinn Iùdah ann an Ierusalem gus an là‑an‑diugh.

Agus cha d’fhògair iad a‑mach na Canàanaich a bha a chòmhnaidh ann an Gèser: ach tha na Canàanaich nan còmhnaidh am measg nan Ephraimeach gus an là‑an‑diugh; agus tha iad a’ dèanamh seirbhis dhaibh fo chìs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan