Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cuiridh mi m’eagal romhad, agus sgriosaidh mi an sluagh uile a dh’ionnsaigh an tèid thu, agus bheir mi air do naimhdean gu lèir an cùl a thionndadh riut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus dh’imich iad: agus bha eagal Dhè air na bailtean a bha mun cuairt orra, agus cha do rinn iad tòireachd air mic Iàcoib.

Agus mo naimhdean thug thu dhomh air mhuineal; iadsan a dh’fhuathaich mi, agus gheàrr mi as iad.

Oir thug an Tighearna air feachd nan Sirianach fuaim charbad a chluinntinn, agus fuaim each, eadhon fuaim slòigh mhòir: agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Feuch, thuarasdalaich rìgh Israeil nar n‑aghaidh rìghrean nan Hiteach, agus rìghrean nan Eiphiteach, gu teachd oirnn.

Agus bhuail iad na bailtean uile mun cuairt air Gèrar, oir bha eagal an Tighearna orra; agus chreach iad na bailtean uile, oir bha mòran creiche annta.

Agus thug thu dhomh mo naimhdean air mhuineal, iadsan a dh’fhuathaich mi, agus gheàrr mi as iad.

Uime sin bheir thu orra an cùl a thionndadh; air sreangan do bhogha gleusaidh tu do shaighdean nan aghaidh.

Agus cuiridh mi aingeal romhad; agus fuadaichidh mi a‑mach an Canàanach, an t‑Amorach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach;

Oir tilgidh mi a‑mach na cinnich romhad agus nì mi do chrìochan nas fharsainge; agus cha mhiannaich duine sam bith d’fhearann, nuair a thèid thu suas gud nochdadh fhèin ann am fianais an Tighearna do Dhia, trì uairean anns a’ bhliadhna.

Agus bha eagal ro‑mhòr air Mòab ron t‑sluagh, a chionn gu robh iad lìonmhor; agus bha Mòab ann an teinn a‑thaobh chloinn Israeil.

An sin tilgidh an Tighearna a‑mach na cinnich sin uile romhaibh, agus sealbhaichidh sibh cinnich as mò agus as cumhachdaiche na sibh fhèin.

Cha seas duine nur n‑aghaidh; air gach fearann air an saltair sibh, cuiridh an Tighearna ur Dia eagal agus geilt-chrith romhaibh, a rèir mar a thubhairt e ribh.

Air an là‑an‑diugh tòisichidh mi air d’uamhann-sa agus d’eagal a chur air na cinnich a tha fo nèamh uile, a chluinneas iomradh ort: agus criothnaichidh iad, agus bidh cràdh orra ad làthair.

A thilgeadh a‑mach do naimhdean uile romhad, mar a labhair an Tighearna.

Ach bheir an Tighearna do Dhia iad thairis dhut, agus sgriosaidh e iad le sgrios mòr, gus an cuirear as dhaibh.

Agus bha ball-chrith anns an fheachd anns a’ mhachair, agus am measg an t‑sluaigh uile: bha crith mar an ceudna air an fhreiceadan agus air an luchd-millidh fhèin, agus chriothnaich an talamh; agus bha i na crith ro‑mhòir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan