Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha tilg nì sam bith a àl, cha mhò a bhios e seasg ad thìr: àireamh do làithean coileanaidh mise.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

16 Iomraidhean Croise  

An sin thug Abrahàm suas an deò, agus fhuair e bàs ann an deagh sheann aois, na sheann duine, agus làn de bhliadhnachan; agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir.

Agus thug Isaac suas an deò, agus dh’eug e, agus chruinnicheadh e a‑chum a mhuinntir fhèin, agus e na sheann duine agus làn de làithean. Agus dh’adhlaic a mhic Esau agus Iàcob e.

A‑nis nuair a bha Daibhidh sean agus làn de làithean, rinn e Solamh a mhac na rìgh air Israel.

Ginidh an tarbh, agus chan fhàilnich e; beiridh am bò laogh, agus cha tilg i e.

Agus fhuair Iob bàs na sheann duine agus làn de làithean.

Thig thu ann an làn aois a‑chum na h‑uaighe, mar a chuirear suas cruach arbhair na h‑àm.

Agus beannaichidh e iad, agus fàsaidh iad ro‑lìonmhor; agus cha lùghdaich e an sprèidh.

A‑chum gum bi ar saibhlean làn, a’ toirt uapa de gach gnè thoraidh, ar caoraich a’ breith nam mìltean, seadh deich mìltean nar machraichean;

Ach tilgidh tusa, a Dhè, sìos iad gu sloc an sgrios; cha mhair daoine fuileachdach agus cealgach leth an làithean; ach cuiridh mise mo dhòigh annadsa.

Tha làithean ar bliadhnachan nan trì-fichead bliadhna agus a deich; agus le tuilleadh neirt ma bhios ceithir-fichead ann, is saothair agus doilgheas an spionnadh, oir gearrar as e gu grad agus siùbhlaidh sinn.

Oir cha bhi as a sin suas naoidhean geàrr-shaoghalach, no seann duine nach do choilean a làithean; oir bàsaichidh an naoidhean nuair a ruigeas e ceud bliadhna a dh’aois; ach bidh am peacach a ruigeas ceud bliadhna a dh’aois mallaichte.

Thoir, O Thighearna. Ciod a bheir thu? Thoir dhaibh brù chaillteachd, agus cìochan seasga.

Beannaichte bidh toradh do chuirp, agus toradh d’fhearainn, agus toradh do sprèidhe, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach.

Gleidhidh tu uime sin a reachdan, agus a àitheantan, a tha mise ag àithneadh dhut an‑diugh, a‑chum gun èirich gu math dhut, agus dod chloinn ad dhèidh, agus a‑chum gum buanaich thu do làithean air an fhearann, a bheir an Tighearna do Dhia dhut gu bràth.

Bidh tu beannaichte os cionn gach sluaigh; cha bhi fireann no boireann neo-thorrach nur measg, no am measg ur sprèidhe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan