Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:25

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nì sibh seirbhis don Tighearna ur Dia, agus beannaichidh esan d’aran, agus d’uisge, agus cuiridh mi easlaint air falbh o ur measg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

26 Iomraidhean Croise  

Is e a mhaitheas dhut do pheacaidhean gu lèir, a shlànaicheas d’easlaintean uile;

Agus thubhairt e, Ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, agus ma nì thu an nì sin a tha ceart na shealladh, agus ma bheir thu an aire da àitheantan, agus ma ghleidheas tu a reachdan uile, aon de na h‑eucailean a chuir mi air na h‑Eiphitich cha chuir mi ortsa; oir is mise an Tighearna a shlànaicheas thu.

Oir cha mhòr a chuimhnicheas e làithean a bheatha; a chionn gum freagair Dia e ann an aoibhneas a chridhe.

Bidh a chòmhnaidh-san anns na h‑ionadan àrda; bidh daingnichean nan creag nan dìdean dha; bheirear aran dha; mairidh uisge gu cinnteach aige.

Agus chan abair am fear-àiteachaidh, Tha mi tinn: gheibh an sluagh a tha a chòmhnaidh an sin maitheanas nan aingidheachd.

Agus sgaoilidh iad iad mu choinneamh na grèine agus na gealaich agus uile fheachd nèimh, don tug iad spèis, agus don do rinn iad seirbhis, agus air an robh iad a’ leanmhainn, agus a bha iad ag iarraidh, agus don tug iad adhradh: cha chruinnichear iad, chan adhlaicear iad; nan aolach bidh iad air aghaidh na talmhainn.

Agus an ceann deich làithean bha dreach an aghaidhean na bu mhaisiche agus na bu shultmhoire na an uile chlann a dh’ith an cuibhreann de bhiadh an rìgh.

Oir is mise an Tighearna ur Dia: naomhaichidh sibh air an adhbhar sin sibh fhèin, agus bidh sibh naomh; oir tha mise naomh: agus cha truaill sibh sibh fhèin le nì snàigeach sam bith a shnàigeas air an talamh.

Ma ghluaiseas sibh am reachdan, agus ma ghleidheas sibh m’àitheantan, agus ma nì sibh iad;

Thugaibh an deicheamh uile a‑chum an taigh-thasgaidh, air chor is gum bi biadh ann am thaigh-sa; agus dearbhaibh mi a‑nis leis an nì seo, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, mura fosgail mi dhuibh uinneagan nan nèamh a dhòrtadh a‑mach beannachd oirbh, gus nach bi àit ann ga chumail.

An sin thubhairt Iosa ris, Imich uam, a Shàtain: oir tha e sgrìobhte, Bheir thu adhradh don Tighearna do Dhia, agus dhàsan na aonar nì thu seirbhis.

Agus a‑nis, Israeil, ciod a tha an Tighearna do Dhia ag iarraidh ort, ach eagal an Tighearna do Dhia a bhith ort, gluasad na uile shlighean, agus a ghràdhachadh, agus seirbhis a dhèanamh don Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam;

Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort; dhàsan nì thu seirbhis, agus ris-san dlùth-leanaidh tu, agus air a ainm mionnaichidh tu.

An dèidh an Tighearna ur Dia gluaisidh sibh, agus bidh a eagal-san oirbh, agus gleidhidh sibh a àitheantan, agus èisdidh sibh ra ghuth, agus nì sibh seirbhis dha, agus dlùth-leanaidh sibh ris.

Bidh eagal an Tighearna do Dhia ort, agus nì thu seirbhis dha, agus mionnaichidh tu air a ainm.

Agus gràdhaichidh e thu, agus beannaichidh e thu, agus nì e lìonmhor thu: mar an ceudna beannaichidh e toradh do bhronn, agus toradh d’fhearainn, d’arbhar, agus d’fhìon, agus d’ola, fàs do chruidh, agus treudan do chaorach, anns an fhearann a mhionnaich e dod athraichean a thabhairt dhut.

Agus bheir an Tighearna uat gach eucail, agus cha chuir e ort aon air bith de dhroch ghalaran na h‑Eiphit, as aithne dhut, ach cuiridh e iad orrasan uile leis am fuathach thu.

Ach thugaibh ro‑aire gun coilean sibh an àithne agus an lagh, a dh’àithn Maois, òglach an Tighearna, dhuibh, gràdh a thoirt don Tighearna ur Dia, agus gluasad na uile shlighean, agus a àitheantan a ghleidheadh, agus dlùth-leantainn ris, agus seirbhis a dhèanamh dha le ur n‑uile chridhe, agus le ur n‑uile anam.

Agus thubhairt an sluagh ri Iosua, Chan eadh, ach nì sinne seirbhis don Tighearna.

Agus thubhairt an sluagh ri Iosua, Don Tighearna ar Dia nì sinn seirbhis, agus ra ghuth-san èisdidh sinn.

Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh: (rinn sibh an t‑olc seo uile: gidheadh na tionndaidhibh a thaobh on Tighearna a leantainn, ach dèanaibh seirbhis don Tighearna le ur n‑uile chridhe;

A‑mhàin biodh eagal an Tighearna oirbh, agus dèanaibh seirbhis dha ann am fìrinn le ur n‑uile chridhe: oir faicibh cia mòr na nithean a rinn e air ur son.

Agus labhair Samuel ri uile thaigh Israeil, ag ràdh, Ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna le ur n‑uile chridhe, an sin cuiribh air falbh na diathan coimheach as ur measg, Bàalim agus Astarot: agus ullaichibh ur cridhe a‑chum an Tighearna, agus dèanaibh seirbhis dhàsan a‑mhàin, agus saoraidh e sibh à làimh nam Philisteach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan