Cha chrom thu thu fhèin sìos dan diathan, agus cha dèan thu seirbhis dhaibh, cha mhò a nì thu a rèir an obrach, ach sgriosaidh tu gu tur iad, agus brisidh tu an dealbhan nam bloighdean.
Agus an sin loisg iad tùis anns na h‑àitean àrda uile, mar na cinnich a thug Dia air falbh romhpa; agus rinn iad nithean olc a bhrosnachadh an Tighearna gu corraich:
Chuir e air falbh na h‑àitean àrda, agus bhris e na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan, agus mhìn-phronn e an nathair umha a rinn Maois; oir gus na làithean sin bha clann Israeil a’ losgadh tùis dhi: agus thugadh Nehustan mar ainm oirre.
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, ach cha b’ann cosmhail ra athair, agus cosmhail ra mhàthair: oir chuir e air falbh dealbh Bhàail, a rinn a athair.
A‑nis an dèidh do Amasiah teachd o àr nan Edomach, thug e leis diathan chloinn Sheir, agus chuir e suas iad dha fhèin mar dhiathan, agus chrom e e fhèin sìos romhpa, agus loisg e tùis dhaibh.
Mar sin thug Manaseh air Iùdah agus luchd-àiteachaidh Ierusaleim dol air seachran, gu tuilleadh uilc a dhèanamh na rinn na cinnich, a sgrios an Tighearna ro chloinn Israeil.
Na crom thu fhèin sìos dhaibh, agus na dèan seirbhis dhaibh: oir mise an Tighearna do Dhia, is Dia eudmhor mi, a’ leantainn aingidheachd nan athraichean air a’ chloinn, air an treas, agus air a’ cheathramh ginealach dhiubhsan a dh’fhuathaicheas mi;
Agus ghabh e an laogh a rinn iad, agus loisg e anns an teine e, agus mheil e gu smùr e, agus chrath e air an uisge e, agus thug e air cloinn Israeil òl dheth.
Gidheadh nan slighe-san cha do ghluais thu, cha mhò a rinn thu a rèir an gràinealachdan: ach mar gum bu nì ro‑bheag sin, bha thu air do thruailleadh nas mò na iadsan ann ad uile shlighean.
A rèir gnìomharan tìr na h‑Eiphit anns an robh sibh a chòmhnaidh, cha dèan sibh; agus a rèir gnìomharan tìr Chanàain gus a bheil mise gur tabhairt, cha dèan sibh; cha mhò a ghluaiseas sibh nan òrdaighean.
Cha dèan sibh dhuibh fhèin iodhalan no coslas snaidhte, agus cha chuir sibh suas ìomhaigh dhuibh fhèin, cha mhò a shuidhicheas sibh dealbh-cloiche nur fearann, gu cromadh sìos dha; oir is mise an Tighearna ur Dia.
An sin fògraidh sibh a‑mach uile luchd-àiteachaidh na tìre as ur fianais, agus cuiridh sibh as dan dealbhan uile, agus sgriosaidh sibh an coslais leaghte uile, agus fàsaichidh sibh an ionadan àrda uile.
Agus leagaidh sibh sìos an altairean, agus brisidh sibh an carraighean, agus loisgidh sibh an doireachan le teine, agus gearraidh sibh sìos dealbhan snaidhte an diathan, agus sgriosaidh sibh an ainm a‑mach as an àite sin.
Ach mar seo buinidh sibh riu: sgriosaidh sibh an altairean, agus brisidh sibh an dealbhan, agus gearraidh sibh sìos an doireachan, agus loisgidh sibh an coslais shnaidhte le teine.