Ach ma dh’èisdeas tu da‑rìribh ri a ghuth, agus ma nì thu gach nì a labhras mise, an sin bidh mi am nàmhaid dod nàmhaid-sa, agus claoidhidh mi iadsan a chlaoidheas thu:
Agus beannaichidh mi iadsan a bheannaicheas thu, agus iadsan a mhallaicheas thu mallaichidh mi; agus annadsa beannaichear uile theaghlaichean na talmhainn.
Tuitidh uamhann agus eagal orra, le meud do ghàirdean bidh iad tosdach mar chloich, gus an tèid do shluagh thairis, a Thighearna, gus an tèid an sluagh seo thairis, a cheannaich thu.
Oir mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, An dèidh na glòire seo chuir e mise a‑chum nan cinneach a chreach sibhse; oir an tì a bheanas ribhse, beanaidh e ri cloich a shùla-san.
Thug Dia a‑mach as an Eiphit e; tha aige amhail neart an aon-adharcaich: ithidh e suas na cinnich, a naimhdean, agus brisidh e an cnàmhan, agus le a shaighdean tro-lotaidh e iad.
Chrùb e, laigh e sìos mar leòmhann, agus mar leòmhann mòr: cò a dhùisgeas suas e? Is beannaichte gach neach a bheannaicheas thusa, agus is mallaichte gach neach a mhallaicheas thu.
Agus tàrlaidh, ma dh’èisdeas tu gu dùrachdach ri guth an Tighearna do Dhia, a choimhead agus a dhèanamh a àithneantan uile, a tha mi ag àithneadh dhut air an là‑an‑diugh, gun cuir an Tighearna do Dhia suas thu os cionn uile chinnich na talmhainn.