Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha lean thu a’ mhòr-chuideachd a dh’ionnsaigh an uilc, agus cha labhair thu ann an cùis, gu claonadh an dèidh a’ mhòrain, a‑chum breith fhiaradh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

36 Iomraidhean Croise  

Ach mun deachaidh iad a laighe chuartaich daoine a’ bhaile an taigh, eadhon daoine Shòdoim, araon sean agus òg, an sluagh uile o gach ceàrn;

Agus dh’amhairc Dia air an talamh, agus, feuch, bha e truaillidh; oir thruaill gach uile fheòil a slighe air an talamh.

Agus thubhairt an Tighearna ri Nòah, Rach thusa agus do thaigh uile a‑steach don àirc; oir thusa chunnaic mi cothromach am fhianais anns a’ ghinealach seo.

Agus thubhairt esan, Bha mi ro‑eudmhor airson an Tighearna, Dia nan slògh: oir thrèig clann Israeil do choicheangal, thilg iad sìos d’altairean, agus mharbh iad d’fhàidhean leis a’ chlaidheamh; agus dh’fhàgadh mise a‑mhàin, agus tha iad ag iarraidh m’anama, a‑chum a thoirt air falbh.

Nuair a bha eagal orm ro mhòr-shluagh, no a chuir tarcais theaghlach uamhas orm, agus a bha mi am thosd, agus nach deachaidh mi a‑mach air doras.

Bheir esan breith air do shluagh le fìreantachd, agus air do bhochdan le ceartas.

A mhic, na imich thusa anns an t‑slighe maille riu; cùm air a h‑ais do chas on ceum.

Chan eil e math gabhail ri gnùis an droch dhuine, a‑chum am fìrean a thilgeadh bun-os‑cionn ann am breitheanas.

Na gabh a‑steach do rathad nan aingidh, agus na imich ann an slighe dhroch dhaoine.

Agus bha corraich air na h‑uachdarain ri Ieremiah, agus bhuail iad e, agus chuir iad ann am prìosan e, ann an taigh Ionatain an sgrìobhaiche; oir rinn iad prìosan dheth sin.

Agus dh’àithn an rìgh Sedeciah gun cuireadh iad Ieremiah ann an cùirt a’ phrìosain, agus gun tugadh iad dha gach là cuibhreann arain à sràid nam fuineadairean, gus am biodh uile aran na cathrach air teireachdainn. Agus dh’fhan Ieremiah ann an cùirt a’ phrìosain.

Mo thighearna, a rìgh, rinn na daoine seo gu h‑olc anns gach nì a rinn iad ri Ieremiah am fàidh, a thilg iad anns an t‑sloc; oir gheibh e bàs le acras anns an àite sin, a chionn nach eil nas mò aran anns a’ bhaile.

An sin thubhairt e rium, Tha aingidheachd taigh Israeil agus Iùdah ro‑mhòr, agus tha am fearann làn fala, agus am baile làn ceannairc: oir tha iad ag ràdh, Thrèig an Tighearna an talamh, agus chan eil an Tighearna a’ faicinn.

Cha dèan sibh eucoir sam bith ann am breitheanas; cha bhi suim agad do ghnùis an duine bhochd, cha mhò a bheir thu urram do ghnùis an duine chumhachdaich; ann an ceartas bheir thu breith air do choimhearsnach.

An àm dhuibhse, O sibhse, còmhnaidh a ghabhail nur taighean maiseach, agus an taigh seo na fhàsach?

Agus air do Philat a bhith toileach gnìomh taitneach a dhèanamh don t‑sluagh, dh’fhuasgail e Barabas dhaibh, agus thug e thairis Iosa, an dèidh dha a sgiùrsadh, a‑chum a cheusadh.

(Cha d’aontaich an duine seo len comhairle no len gnìomh;) o Arimatèa, baile leis na h‑Iùdhaich; neach mar an ceudna aig an robh sùil ri rìoghachd Dhè.

Ach air do dhà bhliadhna a bhith air an coileanadh, thàinig Porcius Festus an àite Fhelics; agus air do Fhelics a bhith toileach comain a chur air na h‑Iùdhaich, dh’fhàg e Pòl ceangailte.

Ach air a bhith do Fhestus togarrach air toileachas-inntinn a thoirt do na h‑Iùdhaich, fhreagair e Pòl, agus thubhairt e, An àill leat dol suas gu Ierusalem, agus an sin dol fo bhreitheanas a‑thaobh nan nithean sin nam làthair-sa?

Muinntir don aithne ceartas Dhè (gu bheil iadsan a nì an leithidean sin de nithean toilltinneach air bàs), gidheadh chan e a‑mhàin gu bheil iad fhèin gan dèanamh, ach tha mar an ceudna tlachd aca den mhuinntir a nì iad.

Cha bhi suim agaibh do neach seach a chèile ann am breitheanas; ris a’ bheag èisdidh sibh cho math is ris a’ mhòr; cha bhi athadh oirbh ro ghnùis dhuine, oir is le Dia a’ bhreith: agus a’ chùis a bhios ro‑chruaidh oirbh, bheir sibh am ionnsaigh-sa, agus èisdidh mise rithe.

Cha dèan thu breitheanas fhiaradh: cha bhi bàidh agad ri neach seach a chèile, cha mhò a ghabhas tu tìodhlac: oir dallaidh an tìodhlac sùilean nan daoine glice, agus fiaraidh e briathran nan ionracan.

Cha chlaon thu breitheanas a’ choigrich, no an dìlleachdain, cha mhò a ghabhas tu aodach bantraich mar gheall.

Agus ma mheasar e olc leibh seirbhis a dhèanamh don Tighearna, roghnaichibh an‑diugh cò don dèan sibh seirbhis; an ann do na diathan don do rinn ur n‑athraichean seirbhis, a bha air taobh thall na h‑aibhne, no do dhiathan nan Amorach, muinntir a tha sibh a chòmhnaidh nan tìr: ach air mo shon-sa, agus airson mo thaighe, nì sinne seirbhis don Tighearna.

Agus thubhairt Saul ri Samuel, Pheacaich mi, oir bhris mi àithne an Tighearna agus do bhriathran-sa; a chionn gu robh eagal orm ron t‑sluagh, agus gun d’èisd mi rin guth.

Agus chaomhain Saul agus an sluagh Agag, agus a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, agus de na beathaichean reamhar, agus de na h‑uain, agus de gach nì a bha math, agus cha b’àill leo an sgrios gu tur; ach gach nì a bha tàireil agus suarach, sin sgrios iad gu tur.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan