Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Toiseach ciad-thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruich thu meann ann am bainne a mhàthar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus a thabhairt ciad-thoradh ar fearainn, agus ciad-thoradh uile mheas gach uile chraoibh, o bhliadhna gu bliadhna, gu taigh an Tighearna:

Agus a thabhairt ciad-ghin ar mac agus ar n‑ainmhidhean, mar a tha e sgrìobhte anns an lagh, agus ciad-ghin ar cruidh agus ar caorach, gu taigh ar Dè, a dh’ionnsaigh nan sagart a fhrithealas ann an taigh ar Dè:

Air britheamhan cha labhair thu olc, agus uachdaran do shluaigh cha chàin thu.

Ciad-thoradh d’fhearainn, agus d’fhìonlios, gun dàil bheir thu seachad: ciad-ghin do mhac bheir thu dhòmhsa.

Toiseach ciad-thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar.

Bidh cùram aig an duine ionraic de bheatha a ainmhidh; ach is an‑iochdmhor truacantais nan aingidh.

Thoir urram don Tighearna led mhaoin, agus le ciad-thoradh d’uile chinneis:

Oir tha gnàthachadh nan slògh na fhìor-dhìomhanas: oir tha iad a’ gearradh craoibhe as a’ choille, obair-làmh an fhir a dh’obraicheas le inneal geur.

Agus bidh toiseach ciad-thoradh nan uile nithean, agus gach uile thabhartas de gach seòrsa de ur tabhartais aig na sagartan: bheir sibh mar an ceudna don t‑sagart toiseach ur taoise, a‑chum gun toir e air a bheannachadh còmhnaidh a ghabhail ann ad thaigh.

Agus thall fa chomhair crìoch nan sagart, bidh aig na Lèbhithich còig-mìle-fichead làmh-choille air fad, agus deich mìle làmh-choille air leud; is e am fad uile còig-mìle-fichead làmh-choille, agus an leud deich mìle.

Agus cha reic iad dheth, cha mhò a nì iad a mhalairt, no a bheir iad uapa ciad-thoradh an fhearainn: oir tha e naomh don Tighearna.

Den chiad chuid de ur taois bheir sibh don Tighearna tabhartas-togte, nur ginealaichean.

Ach a‑nis tha Crìosd air èirigh o na mairbh, agus rinneadh dheth an ciad-thoradh dhiubhsan a chaidil.

Chan ith sibh nì sam bith a bhàsaicheas dheth fhèin: bheir thu e don choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun ith e e; no reic e ris an eilthireach: oir is sluagh naomh thu don Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar.

Agus a‑nis, feuch, thug mi leam ciad-thoradh an fhearainn a thug thusa, a Thighearna, dhomh. Agus cuiridh tu e am fianais an Tighearna do Dhia, agus nì thu adhradh am fianais an Tighearna do Dhia.

An sin gabhaidh tu den chiad chuid de uile thoradh na talmhainn, a bheir thu leat ded fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut, agus cuiridh tu ann am basgaid e, agus thèid thu a‑chum an àit a thaghas an Tighearna do Dhia, a chur a ainme an sin.

Is iad seo an dream nach do shalaicheadh le mnathan; oir is òighean iad: is iad seo an dream a tha a’ leantainn an Uain ge bè àit an tèid e: shaoradh iad seo o mheasg dhaoine, nan ciad-thoradh do Dhia, agus don Uan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan