Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha toir thu seachad fuil m’ìobairt-sa le aran gortaichte, cha mhò a dh’fhanas saill m’ìobairt gu madainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus chan fhàg sibh a’ bheag dheth gu madainn: agus na dh’fhàgar dheth gu madainn, loisgidh sibh le teine.

Seachd làithean ithidh sibh aran neo-ghortaichte; air a’ chiad là fhèin cuiridh sibh taois ghoirt a‑mach as ur taighean; oir gach neach a dh’itheas aran gortaichte, on chiad là gus an seachdamh là, gearrar an t‑anam sin as o Israel.

Agus ithidh iad an fheòil anns an oidhche sin fhèin ròiste le teine, agus aran neo-ghortaichte; maille ri luibhean searbha ithidh iad e.

Agus thubhairt Maois riu, Na fàgadh duine sam bith dheth gu madainn.

Agus ma dh’fhàgar a’ bheag de fheòil a’ choisrigidh, no a’ bheag den aran, gus a’ mhadainn, an sin loisgidh tu am fuidheall le teine: chan ithear e, do bhrìgh gu bheil e naomh.

Chan ìobair thu fuil m’ìobairt-sa le taois ghoirt, cha mhò a dh’fhàgar gu madainn ìobairt fèill na càisge.

Cha dèanar tabhartas-bìdh sam bith, a bheir sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, le taois ghoirt; oir cha loisg sibh a’ bheag de thaois ghoirt, no de mhil, ann an tabhartasan an Tighearna a bheirear suas le teine.

Mas ann mar bhreith-buidheachais a bheir e seachad i, an sin bheir e seachad, maille ris an ìobairt-bhuidheachais, breacagan neo-ghortaichte, measgte le ola, agus deàrnagan neo-ghortaichte, ungte le ola, agus breacagan measgte le ola, de fhlùr mìn, air a ròstadh.

Agus ithear feòil ìobairt a thabhartasan-sìthe airson breith-buidheachais, anns an là sin fhèin anns an toirear seachad i; chan fhàg e a’ bheag dhith gu madainn.

Agus chan fhaicear agad aran gortaichte ad chrìochan uile rè sheachd làithean: cha mhò a mhaireas a’ bheag den fheòil a dh’ìobras tu air feasgar anns a’ chiad là, rè na h‑oidhche gu madainn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan