Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fèill an fhogharaidh, ciad-thoraidhean do shaothrach, a chuir thu anns an fhearann: agus fèill a’ chruinneachaidh aig deireadh na bliadhna, nuair a chruinnicheas tu a‑steach toradh do shaothrach as an fhearann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus chùm iad fèill nam pàillean, mar a tha e sgrìobhte, agus dh’ìobair iad an ìobairt-loisgte làitheil ann an àireamh, a rèir na riaghailt, a dhlighe fhèin air gach là;

Air britheamhan cha labhair thu olc, agus uachdaran do shluaigh cha chàin thu.

Ciad-thoradh d’fhearainn, agus d’fhìonlios, gun dàil bheir thu seachad: ciad-ghin do mhac bheir thu dhòmhsa.

Agus cumaidh tu fèill nan seachdain, a’ chiad toraidh de fhoghar a’ chruithneachd, agus fèill a’ chròdhaidh ann an deireadh na bliadhna.

Thoir urram don Tighearna led mhaoin, agus le ciad-thoradh d’uile chinneis:

Agus anns an t‑seachdamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, bidh co‑ghairm naomh agaibh; obair thràilleil sam bith cha dèan sibh: is là sèideadh nan trompaid dhuibh e.

Agus bha fèill nan Iùdhach, eadhon fèill nam pàillean, am fagas.

Air an là dheireannach, là mòr sin na fèille, sheas Iosa agus ghlaodh e, ag ràdh, Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e am ionnsaigh-sa, agus òladh e.

Agus nuair a thàinig là na Caingis, bha iad gu lèir a dh’aon inntinn ann an aon àite.

An sin gabhaidh tu den chiad chuid de uile thoradh na talmhainn, a bheir thu leat ded fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ tabhairt dhut, agus cuiridh tu ann am basgaid e, agus thèid thu a‑chum an àit a thaghas an Tighearna do Dhia, a chur a ainme an sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan