Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Trì uairean cumaidh tu fèill dhòmhsa anns a’ bhliadhna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus dh’ìobair Solamh trì uairean anns a’ bhliadhna ìobairtean-loisgte, agus ìobairtean-sìthe air an altair a thog e don Tighearna, agus loisg e tùis air an altair a bha am fianais an Tighearna: agus chrìochnaich e an taigh.

A dhlighe fhèin air gach là, agus ìobradh a rèir àithne Mhaois, air na sàbaidean, agus air na gealaichean nodha, agus air na fèillean sònraichte, trì uairean anns a’ bhliadhna, air fèill an arain neo-ghortaichte, agus air fèill nan seachdain, agus air fèill nam pàillean.

Trì uairean anns a’ bhliadhna nochdar gach fireann agad an làthair an Tighearna Dia.

Cha dèan thu dhut fhèin diathan leaghte.

Fèill an arain neo-ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut ann an àm a’ mhìos Abib; oir anns a’ mhìos Abib thàinig thu a‑mach as an Eiphit.

Ach nuair a thig muinntir an fhearainn an làthair an Tighearna anns na h‑àrd-fhèillean, esan a thèid a‑steach air slighe a’ gheata thuath gu adhradh, thèid e a‑mach air slighe a’ gheata dheas; agus esan a thèid a‑steach air slighe a’ gheata dheas, thèid e a‑mach air slighe a’ gheata thuath, cha till e air slighe a’ gheata air an deachaidh e a‑steach, ach thèid e a‑mach thall fa chomhair.

Eadhon gus an là màireach an dèidh na seachdamh sàbaid, àirmhidh sibh lethcheud là, agus bheir sibh seachad nuadh thabhartas-bìdh don Tighearna.

Labhair ri cloinn Israeil, ag ràdh, Air a’ chòigeamh-là‑deug den t‑seachdamh mìos seo bidh fèill nam pàillean rè seachd làithean don Tighearna.

Is iad sin fèillean an Tighearna, eadhon co‑ghairmean naomha, a ghairmeas sibh nan àmannan fhèin:

Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh-là‑deug den mhìos air feasgar, bidh càisg an Tighearna.

Coimhead mìos Abib, agus cumaidh tu a’ chàisg don Tighearna do Dhia: oir anns a’ mhìos Abib thug an Tighearna do Dhia thu a‑mach as an Eiphit anns an oidhche.

Trì uairean anns a’ bhliadhna taisbeinear d’fhireannaich uile an làthair an Tighearna do Dhia, anns an ionad a thaghas e; ann am fèill an arain neo-ghortaichte, agus ann am fèill nan seachdain, agus ann am fèill nam pàillean: agus cha taisbeinear iad an làthair an Tighearna falamh.

Agus thàinig an duine seo a‑nìos as a bhaile gach bliadhna, a dhèanamh adhraidh agus a dh’ìobradh do Thighearna nan sluagh ann an Siloh: agus bha dà mhac Eli, Hophni agus Phinehas, sagartan an Tighearna, an sin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan