Sia làithean nì thu d’obair, agus air an t‑seachdamh là gabhaidh tu fois; a‑chum gum faigh do dhamh agus d’asal fois, agus gum faigh mac do bhanoglaich agus an coigreach an anail.
Ghabh mar an ceudna Tìoraich còmhnaidh ann, a thug a‑steach iasg agus gach gnè bhathair; agus reic iad air an t‑sàbaid ri cloinn Iùdah, agus ann an Ierusalem.
Agus thubhairt e riu, Seo an nì a labhair an Tighearna, Bidh fois na sàbaid naoimh don Tighearna a‑màireach: a mheud is a tha sibh gu fhuineadh, fuinibh an‑diugh, agus a mheud is a tha sibh gu bhruithe, bruithibh; agus gach nì a bhios thairis, taisgibh suas dhuibh fhèin gu madainn.
Ach air an t‑seachdamh fàgaidh tu a‑muigh e, agus leigidh tu leis laighe na thàmh, a‑chum gun ith bochdan do shluaigh, agus na dh’fhàgas iadsan, gun ith beathaichean na machrach e. Air a’ mhodh cheudna nì thu rid fhìonlios, agus rid lios-ola.
Sia làithean nìthear obair, ach bidh an seachdamh là dhuibh na là naomh, na shàbaid thàimh don Tighearna: ge bè neach a nì obair air, cuirear gu bàs e.
Carson a thraisg sinn, their iad, agus nach eil thusa a’ faicinn? Carson a chràidh sinn ar n‑anam, agus nach eil thusa a’ toirt fa‑near? Feuch, ann an là ur traisg tha sibh a’ mealtainn ur sòlais, agus ur n‑uile dhlighe saothrach tha sibh ag agairt.
Sia làithean nìthear obair, ach anns an t‑seachdamh là bidh sàbaid foise, co‑ghairm naomh: obair sam bith cha dèan sibh air: is e sàbaid an Tighearna e nur n‑àiteachan-còmhnaidh uile.
Agus fhreagair uachdaran an t‑sionagoig, agus e làn feirge airson gun do rinn Iosa leigheas air là na sàbaid, agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Tha sia làithean anns an còir obair a dhèanamh: orra seo air an adhbhar sin thigibh, agus bithibh air ur leigheas, agus na b’ann air là na sàbaid.