Agus ma bheir sluagh na tìre leo bathar no biadh air bith air là na sàbaid, ga reic, nach ceannaich sinn e uapa air an t‑sàbaid no air là naomh: agus gun leig sinn leis an t‑seachdamh bliadhna, agus le togail nam fiach uile.
Ach air an t‑seachdamh fàgaidh tu a‑muigh e, agus leigidh tu leis laighe na thàmh, a‑chum gun ith bochdan do shluaigh, agus na dh’fhàgas iadsan, gun ith beathaichean na machrach e. Air a’ mhodh cheudna nì thu rid fhìonlios, agus rid lios-ola.
A thuilleadh air seo, cha tug thu sinn gu fearann a tha a’ sruthadh le mil agus le bainne, cha mhò a thug thu dhuinn oighreachd mhachrach agus fhìonliosan: an cuir thu a‑mach sùilean nan daoine sin? Cha tèid sinne suas.