Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 23:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Cha tog thu tuairisgeul brèige: na cuir do làmh maille ris an aingidh gu bhith ad fhianais air an eucoir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

40 Iomraidhean Croise  

Agus labhair i ris a rèir nam briathran seo, ag ràdh, Thàinig an seirbhiseach Eabhraidheach, a thug thu dar n‑ionnsaigh, a‑steach am ionnsaigh-sa gum mhaslachadh:

Agus thubhairt an rìgh, Agus càit a bheil mac do mhaighistir? Agus thubhairt Siba ris an rìgh, Feuch, tha e a’ fantainn ann an Ierusalem: oir thubhairt e, An‑diugh aisigidh taigh Israeil dhòmhsa rìoghachd m’athar.

Agus chùl-chàin esan do sheirbhiseach rim thighearna an rìgh; ach tha mo thighearna an rìgh mar aingeal Dhè: dèan uime sin an nì sin a tha math ad shùilean.

An tì gu diamhair a bheir beum da choimhearsnach, esan gearraidh mi as; an tì aig a bheil sealladh àrd agus cridhe uaibhreach, esan chan fhuiling mi.

Ciod a bheirear dhut, agus ciod a nìthear ort, a theanga chealgach?

Nach dèan cùl-chàineadh le a theangaidh, nach dèan olc da charaid, agus nach tog droch sgeul air a choimhearsnach;

Na tabhair thairis mi do thoil mo naimhdean, oir dh’èirich fianaisean brèige am aghaidh agus luchd-bagairt fòirneirt.

Dh’èirich fianaisean eucorach; chuir iad as mo leth nithean air nach robh fhios agam.

Na tabhair fianais bhrèige an aghaidh do choimhearsnaich.

O chùis bhrèige cùm thu fhèin am fad, agus an neochiontach agus an t‑ionraic na marbh: oir chan fhìreanaich mise an t‑aingidh.

Esan a cheileas fuath le bilean cealgach, agus esan a labhras mì‑chliù, is amadan e.

Esan a labhras an fhìrinn, foillsichidh e ceartas; ach foillsichidh fianais bhreugach cealg.

Cha dèan an fhianais dhìleas breug; ach labhraidh an fhianais chealgach breugan.

Bheir an droch dhuine an aire do bhilean na h‑euceirt; èisdidh am breugaire ri teangaidh an aimhleis.

Nì fianais aingidh tarcais air breitheanas; agus sluigidh beul dhroch dhaoine euceart.

Cha bhi fianais bhreugach gun pheanas; agus an tì a labhras breugan, cha tèid e as.

Cha bhi fianais bhreugach gun pheanas; agus sgriosar an tì a labhras breugan.

Sgriosar fianais bhreugach; ach an tì a dh’èisdeas, labhraidh e a‑chum deagh chrìche.

Na bi ann ad fhianais gun adhbhar an aghaidh do choimhearsnaich; agus na meall led bhilean.

Is òrd, agus claidheamh, agus saighead gheur, am fear a bheir fianais bhrèige an aghaidh a choimhearsnaich.

Cuiridh a’ ghaoth a tuath air falbh an t‑uisge; mar sin cuiridh a’ ghnùis fheargach air falbh teanga a’ chùl-chàinidh.

Fianais bhreugach a labhras breugan, agus esan a thogas aimhreit eadar bràithrean.

Oir chuala mi tuairisgeul mhòrain, Uamhas air gach taobh aithrisibh-se, agus aithrisidh sinne e: tha iadsan uile ris an robh mi ann an sìth furachair airson mo thuislidh, ag ràdh, Theagamh gum meallar e, agus gum faigh sinn buaidh air, agus gun gabh sinn dìoghaltas dheth.

Cha ghoid sibh, cha mhò a nì sibh breug, no a mheallas aon agaibh a chèile.

Cha tèid thu mun cuairt mar fhear-tuaileis am measg do shluaigh; cha mhò a sheasas tu an aghaidh fuil do choimhearsnaich: Is mise an Tighearna.

Thubhairt esan ris, Cia iad? Agus thubhairt Iosa, Na dèan mortadh. Na dèan adhaltranas. Na goid. Na toir fianais bhrèige.

Agus sheas Sachèus agus thubhairt e ris an Tighearna, Feuch, a Thighearna, tha mi a’ toirt leth mo mhaoin do na bochdan: agus ma thug mi aon nì o neach air bith le casaid bhrèige, tha mi a’ toirt dha a cheithir uiread.

Agus dh’fhiosraich na saighdearan mar an ceudna dheth, ag ràdh, Agus ciod a nì sinne? Agus thubhairt e riu, Na dèanaibh fòirneart air neach sam bith, no casaid-bhrèige, agus bithibh toilichte le ur tuarasdal.

A bheil ar lagh-ne a’ toirt breith air duine sam bith gus an cluinn e uaithe fhèin an toiseach, agus gus am bi fhios aige ciod a tha e a’ dèanamh?

Agus carson nach dèan sinn olc, a‑chum gun tig math as? (mar a labhrar gu toibheumach umainn, agus mar a thubhairt cuid gu bheil sinn ag ràdh), muinntir dom bheil an dìteadh a rèir ceartais.

Uime sin, air dhuibh a’ bhreug a chur uaibh, labhraibh an fhìrinn, gach neach ra choimhearsnach: oir is buill sinn de a chèile.

Cha mhò a bheir thu fianais bhrèige an aghaidh do choimhearsnaich.

Gun ghràdh nàdarra, nan luchd-brisidh coicheangail, tuaileasach, neo-gheamnaidh, borb, gun ghaol don mhath,

Air dhuibh deagh chogais a bhith agaibh: a‑chum, nuair a tha iad a’ labhairt uilc umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun gabh iad nàire, a tha a’ toirt toibheim dur deagh chaitheamh-beatha ann an Crìosd.

Agus chuala mi guth mòr ag ràdh air nèamh, A‑nis tha slàinte agus neart, agus rìoghachd ar Dè, agus cumhachd a Chrìosd air teachd; oir thilgeadh sìos fear-casaid ar bràithrean, a bha gan casaid an làthair ar Dè a là agus a dh’oidhche.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan