Mura faighear an gadaiche, an sin thèid maighistir an taighe a dh’ionnsaigh nam britheamh, a dh’fheuchainn co aca a shìn e a‑mach a làmh gu cuid a choimhearsnaich.
Ma pheacaicheas duine an aghaidh a choimhearsnaich, agus ma dh’iarras e mionnan air, a’ toirt air mionnachadh, agus gun tig am mionnan air beulaibh d’altarach anns an taigh seo;
An sin bheir a mhaighistir e a‑chum nam britheamh; bheir e mar an ceudna a‑chum an dorais e, no a‑chum ursann an dorais, agus tollaidh a mhaighistir a chluas le minidh, agus nì e seirbhis dha gu bràth.
Airson gach gnè choire, airson daimh, airson asail, airson caorach, airson aodaich, airson gach nì a chaidh a chall, a their neach eile gur leis fhèin, an làthair nam britheamh thig cùis gach aoin dhiubh: esan a dhìteas na britheamhan, dìolaidh e dùbailte da choimhearsnach.
Britheamhan, agus uachdarain nì thu dhut fhèin, an taobh a‑staigh ded gheatachan uile, a bheir an Tighearna do Dhia dhut, air feadh do threubh: agus bheir iad breith air an t‑sluagh le ceart bhreitheanas.