Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma bhriseas teine a‑mach, agus gun tachair e air droighinn, agus gun loisgear na cruachan arbhair, no an t‑arbhar na sheasamh, no an t‑achadh, nì esan a rinn an losgadh gu cinnteach dìoladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus ma ghoideadh uaithe e, dìolaidh e da shealbhadair.

Ma bheir duine fa‑near gun ithear suas fearann no fìonlios, agus gun cuir e a ainmhidh ann, agus gum biadhar e ann am fearann duine eile; den chuid as fheàrr de a fhearann fhèin, agus den chuid as fheàrr de a fhìonlios fhèin, nì e dìoladh.

Ma bheir duine da choimhearsnach airgead, no àirneis, ga ghleidheadh, agus gun goidear à taigh an duine e; ma gheibhear an gadaiche, dìolaidh e dùbailte e.

Airson gach gnè choire, airson daimh, airson asail, airson caorach, airson aodaich, airson gach nì a chaidh a chall, a their neach eile gur leis fhèin, an làthair nam britheamh thig cùis gach aoin dhiubh: esan a dhìteas na britheamhan, dìolaidh e dùbailte da choimhearsnach.

Air an toradh aithnichidh sibh iad: an tionail daoine dearcan-fìona de dhrisean, no fìgean de na fòghnain?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan