Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma gheibhear gu cinnteach a’ mhèirle na làimh beò, mas damh e, no asal, no caora, dìolaidh e dùbailte e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus esan a ghoideas duine, agus a reiceas e, no ma gheibhear na làimh e, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Ma ghoideas duine damh no caora, agus gum marbh e e, no gun reic e e, dìolaidh e còig daimh airson an daimh, agus ceithir caoraich airson na caorach.

Ma bheir duine fa‑near gun ithear suas fearann no fìonlios, agus gun cuir e a ainmhidh ann, agus gum biadhar e ann am fearann duine eile; den chuid as fheàrr de a fhearann fhèin, agus den chuid as fheàrr de a fhìonlios fhèin, nì e dìoladh.

Ma bheir duine da choimhearsnach airgead, no àirneis, ga ghleidheadh, agus gun goidear à taigh an duine e; ma gheibhear an gadaiche, dìolaidh e dùbailte e.

Airson gach gnè choire, airson daimh, airson asail, airson caorach, airson aodaich, airson gach nì a chaidh a chall, a their neach eile gur leis fhèin, an làthair nam britheamh thig cùis gach aoin dhiubh: esan a dhìteas na britheamhan, dìolaidh e dùbailte da choimhearsnach.

Ach ma ghlacar e, aisigidh e a sheachd uiread; uile mhaoin a thaighe bheir e seachad.

Labhraibh gu sòlasach ri Ierusalem; agus glaodhaibh rithe gun do choileanadh a cogadh, gun do ghlanadh a h‑aingidheachd; oir fhuair i o làimh an Tighearna a dhà uiread ra h‑uile pheacaidhean.

Agus dìolaidh mi le tomhas dùbailte an aingidheachd agus an lochd, a chionn gun do thruaill iad m’fhearann le sailchead an gnìomharan fuathach; agus len gràinealachdan lìon iad m’oighreachd.

No nì sam bith mun tug e mionnan eithich; bheir e air ais e anns an iomlan, agus cuiridh e an còigeamh cuid a thuilleadh ris, agus bheir e dhàsan e dom buin e, ann an là a ìobairt-easaontais.

Thugaibh ath-dhìol dhi mar a dhìol ise ribh, agus thugaibh dhi a dhà uiread, a rèir a h‑obraichean: anns a’ chupan a lìon i, lìonaibh a dhà uiread dhi.

Agus thubhairt e riu, Tha an Tighearna na fhianais nur n‑aghaidh, agus tha a Aon ungte na fhianais an‑diugh, nach d’fhuair sibh am làimh-sa nì sam bith. Agus fhreagair iadsan, Tha e na fhianais.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan