Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:31

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bidh sibh nur daoine naomha dhòmhsa, agus feòil sam bith a reubadh le fiadh-bheathaichean anns a’ mhachair, chan ith sibh: a‑chum nan con tilgidh sibh i.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Oir ghabh iad den nigheanan dhaibh fhèin agus dom mic, agus mheasg an sliochd naomh iad fhèin le sluagh nan tìrean; agus bha làmh nan uachdaran agus an luchd-riaghlaidh air thoiseach anns a’ chionta seo.

An sin thubhairt mise, Ah a Thighearna Dhia! Feuch, cha do thruailleadh m’anam-sa: oir om òige a‑nìos gus a‑nis cha d’ith mi dheth sin a bhàsaicheas leis fhèin, no a bha na chonablach; cha mhò a thàinig feòil ghràineil ann am bheul.

Chan ith an sagart de nì air bith a dh’eugas leis fhèin, no a bhios reubte, mas eun no ainmhidh e.

Labhair ri coitheanal chloinn Israeil uile, agus abair riu, Bithibh naomh: oir tha mise an Tighearna ur Dia naomh.

Cuiridh sibh uime sin eadar-dhealachadh eadar beathaichean glan agus neòghlan, agus eadar eunlaith neòghlan agus ghlan; agus cha dèan sibh ur n‑anaman gràineil le beathach no le eun, no le gnè air bith de nì beò a shnàigeas air an talamh, a sgar mise uaibh mar neòghlan.

An nì sin a bhàsaicheas leis fhèin, no a reubar le fiadh-bheathaichean, chan ith e, ga shalachadh fhèin leis: Is mise an Tighearna.

Agus faodar saill ainmhidh a gheibh bàs leis fhèin, agus saill an ainmhidh sin a reubar le fiadh-bheathaichean, a ghnàthachadh gu feum sam bith eile; ach chan ith sibh idir dhith;

Ach thubhairt Peadar, Chan eadh, a Thighearna; oir cha d’ith mi riamh aon nì coitcheann no neòghlan.

Ach gun sgrìobh sinn dan ionnsaigh, iad a sheachnadh truaillidheachd iodhalan, agus strìopachais, agus nì tachdte, agus fala.

Chan ith sibh nì sam bith a bhàsaicheas dheth fhèin: bheir thu e don choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun ith e e; no reic e ris an eilthireach: oir is sluagh naomh thu don Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan