Agus am mac nur measg a bhios ochd làithean a dh’aois, timcheall-ghearrar e, gach leanabh mic nur ginealaichean, esan a bheirear anns an taigh, no a cheannaichear le airgead o choigreach air bith, nach eil ded shliochd-sa.
An sin cuiridh tu air leth don Tighearna gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù, agus gach ciad-ghin a thig o ainmhidh as leatsa; buinidh iadsan a tha fireann nam measg don Tighearna.
An sin thubhairt mise, Ah a Thighearna Dhia! Feuch, cha do thruailleadh m’anam-sa: oir om òige a‑nìos gus a‑nis cha d’ith mi dheth sin a bhàsaicheas leis fhèin, no a bha na chonablach; cha mhò a thàinig feòil ghràineil ann am bheul.
Oir is mise an Tighearna ur Dia: naomhaichidh sibh air an adhbhar sin sibh fhèin, agus bidh sibh naomh; oir tha mise naomh: agus cha truaill sibh sibh fhèin le nì snàigeach sam bith a shnàigeas air an talamh.
Agus gach anam a dh’itheas an nì a bhàsaicheas dheth fhèin, no a reubadh le fiadh-bheathaichean (mas neach e a rugadh nur tìr fhèin, no coigreach) nighidh e a aodach, agus ionnlaididh e e fhèin ann an uisge, agus bidh e neòghlan gu feasgar; an sin bidh e glan.
Nuair a bheirear tarbh, no caora, no gobhar, an sin bidh e seachd làithean fo a mhàthair; agus on ochdamh là agus à sin suas, gabhar ris mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna.
Agus faodar saill ainmhidh a gheibh bàs leis fhèin, agus saill an ainmhidh sin a reubar le fiadh-bheathaichean, a ghnàthachadh gu feum sam bith eile; ach chan ith sibh idir dhith;
Chan ith sibh nì sam bith a bhàsaicheas dheth fhèin: bheir thu e don choigreach a tha an taobh a‑staigh ded gheatachan, a‑chum gun ith e e; no reic e ris an eilthireach: oir is sluagh naomh thu don Tighearna do Dhia. Cha bhruith thu meann ann am bainne a mhàthar.
Gach ciad-ghin fireann a bheirear am measg do chruidh, agus am measg do threud, naomhaichidh tu don Tighearna do Dhia: cha dèan thu obair sam bith le ciad-ghin do bhoin, cha mhò a lomas tu ciad-ghin do chaorach.