Ma bhios a’ ghrian air èirigh air, dòirtear fuil air a shon. Nì esan a ghoideas dìoladh iomlan: mura bi nì sam bith aige, an sin reicear e airson a ghadachd.
Labhraibh gu sòlasach ri Ierusalem; agus glaodhaibh rithe gun do choileanadh a cogadh, gun do ghlanadh a h‑aingidheachd; oir fhuair i o làimh an Tighearna a dhà uiread ra h‑uile pheacaidhean.
Mar seo deir an Tighearna, Càit a bheil litir-dhealachaidh ur màthar a chuir mise uam? No cò e am measg mo luchd-fiacha ris an do reic mi sibh? Feuch, airson ur dò‑bheairtean tha sibh air ur reic; agus airson ur n‑euceartan chuireadh air falbh ur màthair.
Ach do bhrìgh nach robh aige nì leis an dìoladh e, dh’àithn a thighearna e fhèin, agus a bhean, agus a chlann, agus na h‑uile nithean a bha aige a reic, agus dìoladh a dhèanamh.
Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean a chreach iad, agus reic e iad do làimh an naimhdean mun cuairt, air chor is nach b’urrainn iad na b’fhaide seasamh an làthair an naimhdean.