Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ciad-thoradh d’fhearainn, agus d’fhìonlios, gun dàil bheir thu seachad: ciad-ghin do mhac bheir thu dhòmhsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig duine o Bhàal-salisa, agus thug e a dh’ionnsaigh an duine le Dia aran den chiad toradh, fichead buileann eòrna, agus làn dhiasan arbhair na mhàla; agus thubhairt e, Thoir don t‑sluagh, a‑chum is gun ith iad.

Agus cho luath is a thàinig an àithne a‑mach, thug clann Israeil seachad gu pailt ciad-thoradh an arbhair, an fhìona, agus na h‑ola, agus na meala, agus uile fhàs an fhearainn; agus deicheamh nan uile nithean thug iad a‑steach ann am pailteas.

An sin cuiridh tu air leth don Tighearna gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù, agus gach ciad-ghin a thig o ainmhidh as leatsa; buinidh iadsan a tha fireann nam measg don Tighearna.

Naomhaich dhòmhsa gach ciad-ghin, ge bè air bith a dh’fhosglas a’ bhrù am measg chloinn Israeil, eadar dhuine agus ainmhidh; is leamsa e.

Fèill an arain neo-ghortaichte cumaidh tu: seachd làithean ithidh tu aran neo-ghortaichte, mar a dh’àithn mi dhut, anns an àm shuidhichte den mhìos Abib; oir anns a’ mhìos sin thàinig thu a‑mach as an Eiphit: agus cha tig neach air bith am làthair-sa falamh:

Agus fèill an fhogharaidh, ciad-thoraidhean do shaothrach, a chuir thu anns an fhearann: agus fèill a’ chruinneachaidh aig deireadh na bliadhna, nuair a chruinnicheas tu a‑steach toradh do shaothrach as an fhearann.

Toiseach ciad-thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruich thu meann ann am bainne a mhàthar.

Gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù is leamsa e, agus gach ciad-ghin am measg do sprèidhe, mas ann den bhuar no de na caoraich e, a bhios fireann.

Ach ciad-ghin asail fuasglaidh tu le uan; agus mura fuasgail thu e, an sin brisidh tu a amhach. Uile chiad-ghin do mhac fuasglaidh tu; agus cha nochdar a h‑aon am làthair-sa falamh.

Oir ann am shliabh naomh-sa, ann an sliabh àirde Israeil, tha an Tighearna Dia ag ràdh, ann an sin nì uile thaigh Israeil, na bhios air thalamh uile dhiubh, seirbhis dhòmhsa: an sin gabhaidh mi riu, agus an sin iarraidh mi ur tabhartasan, agus ciad-thoradh ur n‑ìobairtean, le ur n‑uile nithean naomha.

Nuair a bheirear tarbh, no caora, no gobhar, an sin bidh e seachd làithean fo a mhàthair; agus on ochdamh là agus à sin suas, gabhar ris mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna.

Mo thruaighe mise! Oir dh’fhàs mi mar luchd-tionail a’ mheas-shamraidh; mar luchd-dìoghlaim an fhìon-fhogharaidh: chan eil aon bhagaid ra ithe: tha m’anam ag iarraidh a’ chiad-thoraidh.

Gach nì as luaithe a bhios abaich nam fearann, a bheir iad a‑chum an Tighearna, bidh e leatsa; gach aon a tha glan ad thaigh, ithidh e dheth.

Ach iarraibh air tùs rìoghachd Dhè agus a fhìreantachd-san, agus cuirear na nithean seo uile ribh.

Agus chan e seo a‑mhàin, ach sinn fhèin mar an ceudna, aig a bheil ciad-thoradh an Spioraid, tha eadhon sinne ag osnaich annainn fhèin, a’ feitheamh ris an uchd-mhacachd, eadhon saorsa ar cuirp.

Gach ciad-ghin fireann a bheirear am measg do chruidh, agus am measg do threud, naomhaichidh tu don Tighearna do Dhia: cha dèan thu obair sam bith le ciad-ghin do bhoin, cha mhò a lomas tu ciad-ghin do chaorach.

O a thoil fhèin ghin e sinn le facal na fìrinn, a‑chum gum bitheamaid nar gnè chiad-toraidh de a chreutairean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan