Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air britheamhan cha labhair thu olc, agus uachdaran do shluaigh cha chàin thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

28 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig rìgh Daibhidh gu Bahurim, feuch, à sin thàinig a‑mach duine de theaghlach taigh Shauil, dom b’ainm Simei, mac Ghera; thàinig e a‑mach, a’ teachd air aghaidh agus a’ mallachadh.

An sin thubhairt Abisai mac Sheruiah ris an rìgh, Carson a mhallaicheadh an cù marbh seo mo thighearna, an rìgh? Leig dhomh dol a‑null, guidheam ort, agus a cheann a thoirt dheth.

Ach fhreagair Abisai mac Sheruiah, agus thubhairt e, Nach cuirear air a shon seo Simei gu bàs, a chionn gun do mhallaich e aon ungte an Tighearna?

Agus cuiribh dithis dhaoine, mic Bheliail, ma choinneamh, a thoirt fianais na aghaidh, ag ràdh, Mhaslaich thu Dia agus an rìgh: agus an sin thugaibh a‑mach e, agus clachaibh e, a‑chum gum faigh e bàs.

Molaidh mi thu, a Thighearna, lem uile chridhe; an làthair nan diathan seinnidh mi cliù dhut.

Air an adhbhar sin nì gach duine diadhaidh ùrnaigh riutsa anns an àm anns am faighear thu: gu cinnteach ann an tuil nan uisgeachan mòra, cha tig iad am fagas dha.

An sin cuiridh tu air leth don Tighearna gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù, agus gach ciad-ghin a thig o ainmhidh as leatsa; buinidh iadsan a tha fireann nam measg don Tighearna.

Naomhaich dhòmhsa gach ciad-ghin, ge bè air bith a dh’fhosglas a’ bhrù am measg chloinn Israeil, eadar dhuine agus ainmhidh; is leamsa e.

Agus esan a mhallaicheas a athair no a mhàthair, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Agus fèill an fhogharaidh, ciad-thoraidhean do shaothrach, a chuir thu anns an fhearann: agus fèill a’ chruinneachaidh aig deireadh na bliadhna, nuair a chruinnicheas tu a‑steach toradh do shaothrach as an fhearann.

Toiseach ciad-thoradh d’fhearainn bheir thu do thaigh an Tighearna do Dhia. Cha bhruich thu meann ann am bainne a mhàthar.

Eadhon ann ad smuaintean na mallaich an rìgh, agus an taobh a‑staigh ded sheòmar na mallaich an saoibhir; oir giùlainidh eun an adhair an guth, agus innsidh an nì air a bheil sgiathan a’ chùis.

Agus mhaslaich mac na ban-Israelich ainm an Tighearna, agus mhallaich e: agus thug iad gu Maois e (agus b’e ainm a mhàthar Selomit, nighean Dhibri, de threubh Dhan);

Agus labhraidh tu ri cloinn Israeil, ag ràdh, Ge bè neach a mhallaicheas a Dhia, giùlainidh e a pheacadh.

Agus esan a mhaslaicheas ainm an Tighearna, cuirear gu cinnteach gu bàs e; clachaidh gu deimhinn an co‑chruinneachadh uile e: an coigreach cho math ris-san a rugadh anns an dùthaich, nuair a mhaslaicheas e ainm an Tighearna, cuirear gu bàs e.

An sin thubhairt Pòl ris, Buailidh Dia thusa, a bhalla ghealaichte: oir a bheil thusa ad shuidhe a thoirt breith ormsa a rèir an lagha, agus an aghaidh an lagha ag òrdachadh mo bhualadh?

An sin thubhairt Pòl, Cha robh fhios agam, a bhràithrean, gum b’e an t‑àrd-shagart e: oir tha e sgrìobhte, Na labhair olc mu uachdaran do phobaill.

Thugaibh urram do na h‑uile dhaoine. Gràdhaichibh na bràithrean. Biodh eagal Dhè oirbh. Thugaibh urram don rìgh.

Ach gu h‑àraidh iadsan a leanas an fheòil ann an ana-miann na neòghlaine, agus a nì tàir air uachdaranachd: air dhaibh a bhith an‑dàna, fèin-thoileil, chan eagal leo ana-cainnt a thoirt dhaibhsan a tha ann an àrd-inbhe:

Mar an ceudna fòs tha an luchd-bruadair sin a’ salachadh na feòla, a’ dèanamh tàir air uachdaranachd, agus a’ labhairt gu toibheumach air àrd-inbhean.

Feuch, air an là‑an‑diugh chunnaic do shùilean cionnas a thug an Tighearna thairis thu an‑diugh dom làimh anns an uaimh: agus dh’iarr cuid orm do mharbhadh, ach chaomhain mo shùil thu, agus thubhairt mi, Cha chuir mi mo làmh a‑mach an aghaidh mo thighearna; oir is e aon ungte an Tighearna e.

Agus thubhairt e ra dhaoine, Nar leigeadh Dia gun dèanainn-sa an nì seo rim thighearna, aon ungte an Tighearna, mo làmh a shìneadh a‑mach na aghaidh, o is e aon ungte an Tighearna e.

Agus thubhairt Daibhidh ri Abisai, Na marbh e; oir cò a shìneas a‑mach a làmh an aghaidh aon ungte an Tighearna, agus a bhios neo-chiontach?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan