Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir is e sin a chòmhdach a‑mhàin, is e a aodach da chraiceann e; ciod anns an caidil e? Agus nuair a dh’èigheas e rium, èisdidh mise: oir tha mi tròcaireach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig rìgh Daibhidh gu Bahurim, feuch, à sin thàinig a‑mach duine de theaghlach taigh Shauil, dom b’ainm Simei, mac Ghera; thàinig e a‑mach, a’ teachd air aghaidh agus a’ mallachadh.

Agus, feuch, maille riut tha Simei, mac Ghera, Beniàmineach o Bhahurim, a mhallaich mise le mallachadh geur, anns an là anns an deachaidh mi do Mhahanaim: ach thàinig e a‑nuas am choinneamh gu Iòrdan, agus mhionnaich mi dha air an Tighearna, ag ràdh, Cha chuir mi gu bàs leis a’ chlaidheamh thu.

A‑nis, matà, na meas neochiontach e: oir is duine glic thu, agus tha fhios agad ciod as còir dhut a dhèanamh ris; ach thoir a cheann liath sìos don uaigh le fuil.

Oir ma thilleas sibh a dh’ionnsaigh an Tighearna, gheibh ur bràithrean agus ur clann iochd nam fianais-san a thug leo am braighdeanas iad, air chor is gun till iad a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir gràsmhor agus tròcaireach tha an Tighearna ur Dia, agus cha tionndaidh e a ghnùis air falbh uaibh, ma thilleas sibh da ionnsaigh.

Ghlaodh an duine bochd seo, agus dh’èisd an Tighearna ris, agus as a theanntachdan gu lèir shaor e e.

Oir saoraidh e an t‑ainnis nuair a dh’èigheas e, agus an truaghan, aig nach eil fear-cuideachaidh.

Ach tha thusa, a Thighearna, ad Dhia iochdmhor agus gràsmhor, mall a‑chum feirge agus pailt ann an tròcair agus ann am fìrinn.

Ma bhuineas tu air chor sam bith gu cruaidh riu, agus gun glaodh iad idir riumsa, èisdidh mise gu cinnteach rin glaodh;

Agus chaidh an Tighearna seachad fa chomhair, agus ghairm e, AN TIGHEARNA, AN TIGHEARNA DIA, iochdmhor agus gràsmhor, fad-fhulangach, agus pailt ann an coibhneas agus ann am fìrinn,

Eadhon ann ad smuaintean na mallaich an rìgh, agus an taobh a‑staigh ded sheòmar na mallaich an saoibhir; oir giùlainidh eun an adhair an guth, agus innsidh an nì air a bheil sgiathan a’ chùis.

Agus bidh e mar chomharradh agus mar fhianais do Thighearna nan sluagh ann an tìr na h‑Eiphit; oir glaodhaidh iad ris an Tighearna airson an luchd-sàrachaidh, agus cuiridh e dan ionnsaigh fear-saoraidh, eadhon fear treun, agus fuasglaidh e iad.

Nuair a bheir thu dod choimhearsnach nì sam bith an coingheall, cha tèid thu a‑steach da thaigh a ghabhail a ghill.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan