Ma bheir thu airgead an coingheall do neach air bith dem shluagh-sa a tha bochd làimh riut, cha bhi thu dha mar neach a chuireas airgead air riadh; cha chuir thu riadh air.
A‑nis ghlaodh bean àraidh de mhnathan mic nam fàidh ri Elisa, ag ràdh, Fhuair d’òglach m’fhear bàs; agus tha fhios agad gu robh eagal an Tighearna air d’òglach: agus tha fear nam fiach air teachd a thoirt mo dhithis mhac leis gu bhith nan tràillean aige.
An sin thàinig i agus dh’innis i sin don duine le Dia: agus thubhairt esan, Falbh, reic an ola, agus dìol d’fhiachan; agus thig fhèin agus do mhic beò air a’ chuid eile.
Agus chuir mi mo chomhairle rim chridhe fhèin, agus chronaich mi na h‑àrd-uaislean, agus an luchd-riaghlaidh, agus thubhairt mi riu, Tha gach aon agaibh a’ togail ocair o a bhràthair. Agus chuir mi co‑chruinneachadh mòr nan aghaidh.
Mo thruaighe mise, O mo mhàthair! Oir rug thu mi am fhear-strì, agus am fhear-connsachaidh anns an fhearann uile; cha tug mi seachad air ocar, cha mhò a thug aon neach air ocar dhomh; gidheadh tha iad uile gam mhallachadh.
A thug seachad air ocar, agus a ghabh riadh: am mair e an sin beò? Cha mhair e beò: rinn e na gràinealachdan seo uile; gheibh e gu cinnteach bàs, bidh a fhuil air fhèin.
A thog a làmh o na bochdan, nach do ghabh ocar no riadh, a rinn mo bhreitheanais, a ghluais ann am reachdan, chan fhaigh esan bàs airson aingidheachd a athar; mairidh e gu cinnteach beò.
Agus mura do shàraich e aon neach, ach gun tug e a gheall air ais don fheumach; mura do chreach e neach air bith le fòirneart, ach gun tug e aran don acrach, agus gun do chòmhdaich e an lomnochd le aodach;
Annadsa ghabh iad duais gu fuil a dhòrtadh: ghabh thu ocar agus riadh, agus bhuannaich thu gu sanntach od choimhearsnaich le ana-cothrom, agus dhìochuimhnich thu mise, deir an Tighearna Dia.
Agus tha iad gan sìneadh air aodaichean a ghabhadh ann an geall, aig taobh gach altarach; agus tha iad ag òl fìon na muinntir a dhìteadh ann an taigh an diathan.
Ma bhios nur measg duine bochd, aon ded bhràithrean, an taobh a‑staigh aon ded gheatachan, ann ad fhearann a tha an Tighearna do Dhia a’ toirt dhut, cha chruadhaich thu do chridhe, cha mhò a dhruideas tu do làmh od bhràthair bochd;
Air gach aon chor bheir thu air ais dha an geall a‑rìs, nuair a thèid a’ ghrian fodha, a‑chum gun caidil e na aodach fhèin, agus gum beannaich e thu: agus bidh seo na ionracas dhut an làthair an Tighearna do Dhia.