Agus chuir mi mo chomhairle rim chridhe fhèin, agus chronaich mi na h‑àrd-uaislean, agus an luchd-riaghlaidh, agus thubhairt mi riu, Tha gach aon agaibh a’ togail ocair o a bhràthair. Agus chuir mi co‑chruinneachadh mòr nan aghaidh.
Rinneadh am bantraichean na bu lìonmhoire leamsa na gaineamh na fairge: thug mi an aghaidh na màthar agus nam mac fear-millidh ann am meadhon an là: thug mi air nàmhaid agus air uamhasan bualadh oirre gu h‑obann.
Uime sin thoir thusa thairis an clann don ghorta, agus thoir orra leaghadh as le neart a’ chlaidheimh; biodh am mnathan air am fàgail gun chlann, agus iad nam bantraichean, agus faigheadh am fir bàs leis a’ phlàigh, agus marbhar an òganaich anns an àraich leis a’ chlaidheamh.
Agus ma dh’fhàsas do bhràthair bochd, agus gun tèid e a dhèidh-làimh agad, an sin fuasglaidh tu air: seadh, ged as coigreach no fear-cuairt e: agus bidh e beò maille riut.
Cò as urrainn seasamh ro a fheirg-san? Agus cò a dh’fhaodas fuireach ann an dian-theas a chorraich? Tha a chorraich air a dòrtadh a‑mach mar theine, agus tha na creagan air an tilgeadh sìos leis.
Thugaibh uaibh, agus bheirear dhuibh; deagh thomhas, air a gheinneadh agus air a chrathadh ri chèile, agus a’ cur thairis, bheir daoine nur n‑uchd; oir leis an tomhas len tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs.
Do choigreach faodaidh tu nì a thoirt an coingheall air riadh, ach dod bhràthair cha toir thu nì sam bith an coingheall air riadh; a‑chum gum beannaich an Tighearna do Dhia thu anns gach nì ris an cuir thu do làmh anns an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh.
Nuair a bheir thu bòid don Tighearna do Dhia, cha dèan thu moille na h‑ìocadh: oir gu cinnteach iarraidh an Tighearna do Dhia uat i; agus bhiodh e na pheacadh dhut.