Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma bhuineas tu air chor sam bith gu cruaidh riu, agus gun glaodh iad idir riumsa, èisdidh mise gu cinnteach rin glaodh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Air chor is gun tug iad air glaodh nam bochd teachd da ionnsaigh, agus gun cuala e glaodh nan truaghan.

Glaodhaidh iadsan a tha air an sàrachadh le mòran, èighidh iad airson gàirdean na mòr-chuideachd.

Chunnaic thu e, oir is lèir dhut olc agus mìorun, a‑chum an dìoladh led làimh: ortsa fàgaidh an duine bochd e fhèin; is tu fear-cuideachaidh an dìlleachdain.

Tha fhios agam gun cùm an Tighearna ceartas ris an duine thruagh, còir ris na bochdan.

Is dlùth an Tighearna dhaibhsan uile a ghairmeas air, dhaibhsan uile a ghairmeas air ann am fìrinn.

Am èiginn ghairm mi air an Tighearna, agus rim Dhia ghlaodh mi; chuala e as a theampall mo ghuth, agus thàinig mo ghlaodh na làthair da chluasan.

Athair nan dìlleachdan agus britheamh nam bantrach, is e Dia ann an ionad-còmhnaidh a naomhachd.

Oir is e sin a chòmhdach a‑mhàin, is e a aodach da chraiceann e; ciod anns an caidil e? Agus nuair a dh’èigheas e rium, èisdidh mise: oir tha mi tròcaireach.

Tha sinn nar dìlleachdain, agus gun athair, ar màthraichean mar bhantraichean.

Agus nach dèan Dia dìoghaltas airson a dhaoine taghte fhèin, a tha ag èigheach ris a là agus a dh’oidhche, ged tha e fad-fhulangach mun timcheall?

Tha e a’ cur an gnìomh breitheanas an dìlleachdain agus na bantraich, agus is toigh leis an coigreach, a’ toirt dha bìdh agus aodaich.

Thoir an aire nach bi smuain ad chridhe aingidh, ag ràdh, Tha an seachdamh bliadhna, bliadhna an fhuasglaidh, am fagas; agus gum bi do shùil olc an aghaidh do bhràthar bhochd, agus nach toir thu a’ bheag dha, agus gun glaodh e ris an Tighearna ad aghaidh, agus gum bi e na pheacadh dhut.

Air a là bheir thu dha a thuarasdal, agus cha tèid a’ ghrian sìos air, oir tha e bochd, agus a’ suidheachadh a chridhe air; air eagal gun glaodh e ad aghaidh ris an Tighearna, agus gum bi e na pheacadh dhut.

Feuch, tha tuarasdal an luchd-obrach a bhuain sìos ur n‑achaidhean, nì a chumadh uapa leibhse le foill, ag èigheach; agus tha glaodhaich na muinntir a bhuain air dol a‑steach a‑chum cluasan Tighearna nan sluagh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan