Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ri bantraich sam bith, no dìlleachdan, cha bhuin sibh gu cruaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Ma chùm mi na bochdan o am miann, agus ma thug mi air sùilean na bantraich fàilneachadh;

Air chor is gun tug iad air glaodh nam bochd teachd da ionnsaigh, agus gun cuala e glaodh nan truaghan.

Chunnaic thu e, oir is lèir dhut olc agus mìorun, a‑chum an dìoladh led làimh: ortsa fàgaidh an duine bochd e fhèin; is tu fear-cuideachaidh an dìlleachdain.

Campaichidh aingeal an Tighearna man timcheall-san don eagal e, agus teasairgidh e iad.

Oir tagraidh an Tighearna an cùis, agus millidh e anam na muinntir a mhilleas iad.

Na atharraich an seann chomharradh-crìche; agus air achaidhean nan dìlleachdan na bris a‑steach:

Oir tha am fear-saoraidh cumhachdach; tagraidh e an cùis ad aghaidh.

Fòghlamaibh math a dhèanamh; iarraibh breitheanas; dèanaibh fuasgladh air an fhear a tha sàraichte; cumaibh còir ris an dìlleachdan; tagraibh cùis na bantraich.

Tha d’uachdarain ceannairceach, agus nan companaich mhèirleach; tha gach aon dhiubh an geall air tìodhlac, agus a’ leantainn dhuaisean; ris an dìlleachdan chan eil iad a’ cumail cothroim, agus cìs na bantraich chan eil a’ teachd nan làthair.

A thionndadh an fheumaich o bhreitheanas, agus a thabhairt an còrach le ainneart o bhochdan mo shluaigh; air chor is gum bi bantraichean nan cobhartach dhaibh, agus gun creach iad na dìlleachdain.

Mura sàraich sibh an coigreach, an dìlleachdan agus a’ bhantrach; agus mura dòirt sibh fuil neochiontach anns an àite seo, agus mura tèid sibh air lorg dhiathan eile, a‑chum ur dòrainn fhèin:

An sin bheir mise dhuibh còmhnaidh a ghabhail anns an àite seo, anns an fhearann a thug mi dur n‑athraichean, o linn gu linn.

Annadsa rinn iad dìmeas air athair agus màthair; ann ad mheadhon bhuin iad le ainneart ris a’ choigreach: annadsa shàraich iad an dìlleachdan agus a’ bhantrach.

Agus na sàraichibh a’ bhantrach, no an dìlleachdan, an coigreach, no am bochd; agus na smaoinicheadh neach air bith agaibh nur cridhe olc an aghaidh a bhràthar.

Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

Is an‑aoibhinn dhuibh, a sgrìobhaichean agus Pharasacha, a chealgairean; oir tha sibh ag ithe suas taighean bhantrach, agus air sgàth deagh choslais a’ dèanamh ùrnaighean fada; uime sin gheibh sibh an dìteadh as mò.

Tha e a’ cur an gnìomh breitheanas an dìlleachdain agus na bantraich, agus is toigh leis an coigreach, a’ toirt dha bìdh agus aodaich.

Thoir an aire nach bi smuain ad chridhe aingidh, ag ràdh, Tha an seachdamh bliadhna, bliadhna an fhuasglaidh, am fagas; agus gum bi do shùil olc an aghaidh do bhràthar bhochd, agus nach toir thu a’ bheag dha, agus gun glaodh e ris an Tighearna ad aghaidh, agus gum bi e na pheacadh dhut.

Cha chlaon thu breitheanas a’ choigrich, no an dìlleachdain, cha mhò a ghabhas tu aodach bantraich mar gheall.

Ach cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill anns an Eiphit, agus gun do shaor an Tighearna do Dhia thu as a sin: uime sin tha mi ag àithneadh dhut an nì seo a dhèanamh.

Mallaichte gu robh esan a chlaonas breitheanas a’ choigrich, an dìlleachdain, agus na bantraich: agus their an sluagh uile, Amen.

Is i seo an diadhachd fhìorghlan agus neo-shalach am fianais Dhè agus an Athar, dìlleachdain agus bantraichean fhiosrachadh nan trioblaid agus neach ga choimhead fhèin gun smal on t‑saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan