Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Air coigreach cha chuir thu doilgheas, cha mhò a nì thu fòirneart air; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr an h‑Eiphit.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Seadh, tha sibh a’ leum air an dìlleachdan, agus a’ cladhach sluic dur caraid.

Gleidhidh an Tighearna na coigrich; togaidh e suas an dìlleachdan agus a’ bhantrach, ach tilgidh e slighe nan aingidh bun-os‑cionn.

Is mise an Tighearna do Dhia a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit, à taigh na daorsa.

Agus air coigreach na dèan fòirneart: oir is aithne dhuibh inntinn coigrich, do bhrìgh gu robh sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit.

Fòghlamaibh math a dhèanamh; iarraibh breitheanas; dèanaibh fuasgladh air an fhear a tha sàraichte; cumaibh còir ris an dìlleachdan; tagraibh cùis na bantraich.

Mar seo deir an Tighearna, Cuiribh an gnìomh breitheanas agus ceartas, agus saoraibh an duine sàraichte o làimh an fhir-shàrachaidh: agus na dèanaibh foill: na dèanaibh ainneart air a’ choigreach, air an dìlleachdan, air a’ bhantraich, cha mhò a dhòirteas sibh fuil neo-chiontach anns an àite seo.

Mura sàraich sibh an coigreach, an dìlleachdan agus a’ bhantrach; agus mura dòirt sibh fuil neochiontach anns an àite seo, agus mura tèid sibh air lorg dhiathan eile, a‑chum ur dòrainn fhèin:

Annadsa rinn iad dìmeas air athair agus màthair; ann ad mheadhon bhuin iad le ainneart ris a’ choigreach: annadsa shàraich iad an dìlleachdan agus a’ bhantrach.

Cha dèan thu fòirneart air do choimhearsnach, cha mhò a nì thu reubainn air; chan fhan duais an fhir-thuarasdail maille riut rè na h‑oidhche gu madainn.

Agus ma bhios coigreach air chuairt maille riut nur tìr, cha bhuin sibh gu cruaidh ris.

Mar neach a rugadh nur measg bidh dhuibhse an coigreach a tha air chuairt maille ribh, agus gràdhaichidh tu e mar thu fhèin; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit: Is mise an Tighearna ur Dia.

Agus ma dh’fhàsas do bhràthair bochd, agus gun tèid e a dhèidh-làimh agad, an sin fuasglaidh tu air: seadh, ged as coigreach no fear-cuairt e: agus bidh e beò maille riut.

Agus na sàraichibh a’ bhantrach, no an dìlleachdan, an coigreach, no am bochd; agus na smaoinicheadh neach air bith agaibh nur cridhe olc an aghaidh a bhràthar.

Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

Agus dh’àithn mi dur britheamhan anns an àm sin, ag ràdh, Eisdibh ris na cùisean a bhios eadar ur bràithrean, agus thugaibh breith cheart eadar gach duine agus a bhràthair, agus an coigreach a tha maille ris.

Tha e a’ cur an gnìomh breitheanas an dìlleachdain agus na bantraich, agus is toigh leis an coigreach, a’ toirt dha bìdh agus aodaich.

Uime sin gràdhaichidh sibh an coigreach; oir bha sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit.

Agus cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill ann an tìr na h‑Eiphit; agus shaor an Tighearna do Dhia thu: uime sin tha mi ag àithneadh seo dhut an‑diugh.

Maille riut gabhaidh e còmhnaidh nur measg, anns an àit a thaghas e, an taobh a‑staigh aoin ded gheatachan far an taitniche leis: cha dèan thu fòirneart air.

Cha ghabh thu gràin de Edomach, oir is e do bhràthair e: cha ghabh thu gràin de Eiphiteach, a chionn gu robh thu ad choigreach na fhearann.

Cha chlaon thu breitheanas a’ choigrich, no an dìlleachdain, cha mhò a ghabhas tu aodach bantraich mar gheall.

Mallaichte gu robh esan a chlaonas breitheanas a’ choigrich, an dìlleachdain, agus na bantraich: agus their an sluagh uile, Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan