Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Esan a dh’ìobras do dhiathan sam bith, ach don Tighearna a‑mhàin, gearrar as e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Eliah riu, Glacaibh fàidhean Bhàail; na rachadh duine dhiubh as. Agus ghlac iad iad; agus thug Eliah sìos iad gu sruth Chisoin, agus mharbh e iad an sin.

Agus cho luath is a chuir e crìoch air an ìobairt-loisgte ìobradh, thubhairt Iehu ris an fhreiceadan, agus ris na ceannardan, Rachaibh a‑steach, buailibh iad, na tigeadh duine dhiubh a‑mach. Agus bhuail iad iad le faobhar a’ chlaidheimh, agus thilg am freiceadan agus na ceannardan a‑mach iad, agus chaidh iad gu baile taigh Bhàail.

Agus gun rachadh gach neach nach iarradh an Tighearna Dia Israeil a chur gu bàs, co‑dhiù bu bheag no mòr, fear no bean, e.

Agus air coigreach na dèan fòirneart: oir is aithne dhuibh inntinn coigrich, do bhrìgh gu robh sibh fhèin nur coigrich ann an tìr na h‑Eiphit.

Chlaon iad gu grad on t‑slighe a dh’àithn mise dhaibh: rinn iad dhaibh fhèin laogh leaghte; agus rinn iad adhradh dha, agus thug iad suas ìobairtean dha, agus thubhairt iad, Sin do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.

Air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre, agus gun tèid iad le strìopachas an dèidh an diathan, agus gun toir iad ìobairt don diathan, agus gun toir neach cuireadh dhut, agus gun ith thu de a ìobairt;

An sin thubhairt mi riu, Tilgibh uaibh, gach aon neach, gràinealachdan a shùl, agus na truaillibh sibh fhèin le iodhalan na h‑Eiphit; is mise Iehòbhah ur Dia.

Agus chan ìobair iad nas mò an ìobairtean do dhiabhail, an dèidh an deachaidh iad le strìopachas: bidh seo na reachd dhaibh gu sìorraidh air feadh an ginealaichean.

Agus ma bhios coigreach air chuairt maille riut nur tìr, cha bhuin sibh gu cruaidh ris.

Agus thig mise dlùth dhuibh gu breitheanas, agus bidh mi am fhianais luath an aghaidh fhiosaichean, agus an aghaidh adhaltranach, agus an aghaidh na muinntir a bheir mionnan-eithich, agus an aghaidh na muinntir a tha a’ cumail air ais a thuarasdail on t‑seirbhiseach, a’ sàrachadh na bantraich agus an dìlleachdain, agus a’ cur a’ choigrich a thaobh, agus air nach eil eagal romhamsa, deir Tighearna nan sluagh.

Agus dh’èisd an Tighearna ri guth Israeil, agus thug e na Canàanaich suas dhaibh: agus sgrios iad gu tur iad fhèin agus am bailtean: agus thug iad Horma mar ainm air an àite.

Tha e a’ cur an gnìomh breitheanas an dìlleachdain agus na bantraich, agus is toigh leis an coigreach, a’ toirt dha bìdh agus aodaich.

Ach am fàidh aig am bi de dhànadas facal a labhairt am ainm, nach d’àithn mise dha a labhairt, no a labhras ann an ainm dhiathan eile, gu cinnteach bàsaichidh am fàidh sin.

Thèid a’ chlann a ghinear leòsan a‑steach do cho-chruinneachadh an Tighearna, nan treas ginealach.

Cha chlaon thu breitheanas a’ choigrich, no an dìlleachdain, cha mhò a ghabhas tu aodach bantraich mar gheall.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan