Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma gheibhear gadaiche a’ briseadh a‑steach, agus gum buailear e, agus gum faigh e bàs, cha dòirtear fuil air a shon:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Leis an t‑solas èiridh am mortair, agus marbhaidh e am bochd agus am feumach; agus anns an oidhche bidh e mar ghadaiche.

Cladhaichidh iad anns an dorchadas tro thaighean a chomharraich iad dhaibh fhèin anns an là; chan aithne dhaibh an solas:

O mheasg dhaoine dh’fhògradh a‑mach iad: dh’èigh iad nan aghaidh, mar an aghaidh gadaiche.

Fhuaireadh ann ad sgioball mar an ceudna fuil anam nan neochiontach bochda: chan ann le sgrùdadh domhain a fhuair mi a‑mach i, ach air a craobh-sgaoileadh.

Nuair a b’àill leamsa Israel a leigheas, an sin leigeadh ris aingidheachd Ephraim agus euceart Shamaria: oir tha iad a’ cur an gnìomh ceilge: seadh, tha an gadaiche a’ dol a‑steach; tha a’ cheathairne ri creach a‑muigh.

Ruithidh iad air an ais agus air an aghaidh anns a’ bhaile: ruithidh iad air a’ bhalla: streapaidh iad suas do na taighean: thèid iad a‑steach air na h‑uinneagan mar mhèirleach.

Agus gum faigh dìoghaltair na fala e an taobh a‑muigh de chrìochan baile a dhìdein, agus gum marbh dìoghaltair na fala am marbhaiche; cha bhi e ciontach de fhuil:

Ach tha fhios seo agaibh, nam b’fhiosrach fear-an‑taighe ciod an uair anns an tigeadh an gadaiche, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e gum briseadh a thaigh troimhe.

Oir tha sàr fhios agaibh fhèin gun tig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche.

Ach na fuilingeadh aon agaibh mar mhortair, no mar ghadaiche, mo mar fhear droch-bheairt, no mar neach a ghabhas gnothach ri nithean nach buin dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan