Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ge bè neach a laigheas le ainmhidh, gu cinnteach cuirear gu bàs e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus mharbh e uile shagartan nan àitean àrda a bha an sin air na h‑altairean, agus loisg e cnàmhan dhaoine orra, agus thill e gu Ierusalem.

Agus gun rachadh gach neach nach iarradh an Tighearna Dia Israeil a chur gu bàs, co‑dhiù bu bheag no mòr, fear no bean, e.

Na biodh diathan sam bith eile agad am làthair-sa.

Air eagal gun dèan thu coicheangal ri luchd-àiteachaidh na tìre, agus gun tèid iad le strìopachas an dèidh an diathan, agus gun toir iad ìobairt don diathan, agus gun toir neach cuireadh dhut, agus gun ith thu de a ìobairt;

Agus chan ìobair iad nas mò an ìobairtean do dhiabhail, an dèidh an deachaidh iad le strìopachas: bidh seo na reachd dhaibh gu sìorraidh air feadh an ginealaichean.

Cha mhò a laigheas tu le ainmhidh sam bith gud thruailleadh fhèin leis; cha mhò a sheasas bean sam bith ro ainmhidh gu laighe sìos dha: is amhluadh e.

Agus shalaicheadh am fearann: uime sin leanaidh mi a aingidheachd air, agus sgeithidh am fearann fhèin a‑mach a luchd-àiteachaidh.

Agus dh’fhan Israel ann an Sitim, agus thòisich an sluagh air strìopachas a dhèanamh le nigheanan Mhòaib.

Agus cruinnichidh tu a chreach uile gu meadhon a shràide, agus loisgidh tu le teine am baile, agus a chreach uile gu h‑iomlan, airson an Tighearna do Dhia: agus bidh e na thòrr a‑chaoidh; cha togar suas e nas mò.

Agus gun tig an comharradh no an t‑iongantas gu crìch, air an do labhair e riut, ag ràdh, Rachamaid an dèidh dhiathan eile, nach b’aithne dhut, agus dèanamaid seirbhis dhaibh:

Ma gheibhear nur measg, an taobh a‑staigh aoin ded gheatachan a bheir an Tighearna do Dhia dhut, fear no bean a rinn aingidheachd ann an sùilean an Tighearna do Dhia, le a choicheangal a bhriseadh,

An sin bheir thu a‑mach am fear sin no a’ bhean sin, a rinn an nì aingidh sin, a‑chum do gheatachan, eadhon am fear sin no a’ bhean sin, agus clachaidh tu iad le clachan gus am bàsaich iad.

Mallaichte gu robh esan a laigheas le ainmhidh sam bith: agus their an sluagh uile, Amen.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan