Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma dhiùltas a h‑athair gu tur a tabhairt dha, dìolaidh e airgead a rèir tochradh nam maighdeann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus dh’èisd Abrahàm ri Ephron, agus thomhais Abrahàm do Ephron an t‑airgead, a dh’ainmich e ann an èisdeachd mic Het, ceithir cheud secel airgid, a ghabhas an ceannaiche.

Agus thubhairt Lèah, Dheònaich Dia dhomh deagh chuibhreann: a‑nis gabhaidh m’fhear còmhnaidh maille rium, a chionn gun do rug mi dha sianar mhac; agus thug i Sebulun mar ainm air.

Air a mheud is gun dèan sibh an dubhairidh orm, agus an tìodhlac, bheir mi dhuibh eadhon mar a their sibh rium: a‑mhàin thugaibh dhomh a’ ghruagach mar mhnaoi.

Agus an t‑anam a thèid a thaobh a dh’ionnsaigh muinntir aig a bheil leannain-shìdh, agus a dh’ionnsaigh luchd-fiosachd, gu dol le strìopachas nan dèidh, cuiridh mise mo ghnùis an aghaidh an anama sin, agus gearraidh mi as e o mheasg a shluaigh.

Chan fhaighear nur measg neach air bith a bheir air a mhac no air a nighinn dol tron teine, no a ghnàthaicheas fiosachd, no speuradair, no fear-fàistinneachd, no a ghnàthaicheas droch innleachdan,

An sin bheir am fear a laigh leatha do athair na h‑ighinn lethcheud secel airgid, agus bidh i na mnaoi aige; a chionn gun d’ìslich e i, chan fhaod e a cur uaithe ra bheò.

Agus thubhairt Saul, Mar seo their sibh ri Daibhidh, Chan eil an rìgh ag iarraidh dubhairidh sam bith, ach ceud ro‑chraiceann de na Philistich, gu bhith dìolta air naimhdean an rìgh. Ach shaoil Saul gun tugadh e air Daibhidh tuiteam le làimh nam Philisteach.

A‑nis fhuair Samuel bàs, agus rinn Israel uile caoidh air a shon, agus dh’adhlaic iad e ann an Ramah, na bhaile fhèin: agus chuir Saul air falbh iadsan aig an robh leannain-shìdh, agus na fiosaichean, as an tìr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan