Agus ma mheallas duine maighdeann nach eil fo cheangal-pòsaidh, agus gun laigh e leatha, gu cinnteach gabhaidh e i dha fhèin na mnaoi.
Ach ma bhios a shealbhadair maille ris, cha dìol e: mas nì airson tuarasdail e, thàinig e airson a thuarasdail.
Slighe iolaire anns na speuran, slighe nathrach air carraig, slighe luinge ann am meadhon na fairge, agus slighe fir le òigh.
Agus mar seo bha breith Iosa Crìosd: oir an dèidh do cheangal-pòsaidh a bhith air a dhèanamh eadar a mhàthair Muire agus Iòseph, ro dhaibh teachd cuideachd, fhuaireadh torrach i on Spiorad Naomh.