Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach ma bhios a shealbhadair maille ris, cha dìol e: mas nì airson tuarasdail e, thàinig e airson a thuarasdail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Air a mheud is gun dèan sibh an dubhairidh orm, agus an tìodhlac, bheir mi dhuibh eadhon mar a their sibh rium: a‑mhàin thugaibh dhomh a’ ghruagach mar mhnaoi.

Agus ma dh’iarras duine nì an coingheall o a choimhearsnach, agus gun ciùrrar e, no gum faigh e bàs, gun a shealbhadair a bhith maille ris; gu cinnteach dìolaidh e.

Agus ma mheallas duine maighdeann nach eil fo cheangal-pòsaidh, agus gun laigh e leatha, gu cinnteach gabhaidh e i dha fhèin na mnaoi.

Oir ro na làithean seo, cha robh luach-saothrach air bith aig duine, no luach-saothrach air bith aig ainmhidh; cha mhò a bha sìth aig an tì a rachadh a‑mach, no a thigeadh a‑steach, leis an teinn; oir chuir mise na h‑uile dhaoine, gach aon an aghaidh a choimhearsnaich.

An sin bheir am fear a laigh leatha do athair na h‑ighinn lethcheud secel airgid, agus bidh i na mnaoi aige; a chionn gun d’ìslich e i, chan fhaod e a cur uaithe ra bheò.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan