Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Ecsodus 22:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ma reubadh as a chèile e, thugadh e leis mar fhianais e; airson an nì sin a chaidh a reubadh, cha dìol e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus ma ghoideadh uaithe e, dìolaidh e da shealbhadair.

Agus ma dh’iarras duine nì an coingheall o a choimhearsnach, agus gun ciùrrar e, no gum faigh e bàs, gun a shealbhadair a bhith maille ris; gu cinnteach dìolaidh e.

An sin thubhairt mise, Ah a Thighearna Dhia! Feuch, cha do thruailleadh m’anam-sa: oir om òige a‑nìos gus a‑nis cha d’ith mi dheth sin a bhàsaicheas leis fhèin, no a bha na chonablach; cha mhò a thàinig feòil ghràineil ann am bheul.

Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Amhail a spìonas am buachaille a‑mach à beul an leòmhainn dà chois, no mìr de chluais; mar sin bheirear a‑mach clann Israeil, a tha a chòmhnaidh ann an Samaria, ann an cùil leapa; agus ann an Damascas, air uirigh.

Agus bidh fuidheall Iàcoib am measg nan cinneach, am meadhon mòran shlògh, mar leòmhann am measg beathaichean na frìthe, mar chuilean leòmhainn am measg nan treudan chaorach: e sin, ma thèid e roimhe, araon saltraidh sìos, agus reubaidh, agus cha tèarainn aon neach.

Reub an leòmhann gu leòr airson a chuileanan, agus mharbh e airson a leòmhannan boireann, agus lìon e a thuill le cobhartach, agus a uaimh le creich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan