An nì sin a reubadh le fiadh-bheathaichean cha tug mi ad ionnsaigh; ghiùlain mi fhèin a chall: om làimh-sa dh’iarr thu e, co‑dhiù a ghoideadh e anns an là, no a ghoideadh e anns an oidhche.
An sin bidh mionnan an Tighearna eatorra le chèile, nach do shìn e a làmh gu cuid a choimhearsnaich: agus gabhaidh a shealbhadair sin uaithe, agus cha dèan esan dìoladh.
Ma bheir duine da choimhearsnach airgead, no àirneis, ga ghleidheadh, agus gun goidear à taigh an duine e; ma gheibhear an gadaiche, dìolaidh e dùbailte e.